Bhidio ùr a’ soilleireachadh an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala
Tha an iomairtiche airson còirichean LCDTE+, Peter Tatchell, air bhidio a sgaoileadh air YouTube gus an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a shoillearachadh.
Anns a’ bhidio, a ghabhas a choimhead gu h-ìosal, tha neach-tèarainteachd taobh a-muigh ionad tabhartais fala a’ cleachdadh inneal “gaydar” gus stad a chur air daoine a’ dol a-steach air sgàth ’s gu bheil an inneal gan aithneachadh mar co-sheòrsach. Tha na tabhairtichean an uairsin a’ faighneachd dhan neach-tèarainteachd carson nach eil daoine co-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad.
Ann am Breatainn tha casg air daoine bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri fèise le duine eile sna trì mìosan roimhe.
Ann an cuid de dhùthchannan eile, a-leithid Èirinn a Tuath, feumaidh tabhairtichean feitheamh fad bliadhna an-dèidh fèise le duine eile.
Ann an còrr ’s 40 dùthaich tha casg air leth air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.
Thuirt Peter Tatchell ri PhinkNews:
“Dh’fhaodadh gun robh na casgan seo air a bhith ciallach nuair a chaidh an cur an gnìomh anns na 1980an aig àm nuair a bha HIV a’ toirt buaidh mhòr air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach san Iar agus nuair nach robh dòighean dearbhaidh HIV cho cinnteach.”
“Ach o chionn fhada, chan eil HIV air a bhith co-cheangailte ri taobhadh-fèise sònraichte sam bith agus tha an sgrùdadh air fuil a chaidh a thoirt seachad a-nis fìor iomlan agus ceart.”
“Tha an t-àm ann airson ionad tabhartais fala air feadh an t-saoghal a bhith a’ dèanamh fòcas air daoine le giùlan-fèise cunnartach aithneachadh agus casg a chur orra an àite a bhith a’ dèanamh barailean gu bheil a h-uile duine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach ann an cunnart HIV. Chan eil HIV aig a’ mhòr-chuid de dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach agus cha bhi a-riamh.”
“Tha e gòrach gu bheil casgan gun fheum air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala air feadh uiread de dhùthchannan. Tha cuid de dhaoine a tha ri fèise le daoine eile ann an cunnart HIV. Tha feadhainn eile nach eil. Feumaidh sinn stad a chur air gnàth-ìomhaighean a sparradh air na coimhearsnachdan co-sheòrsach agus dà-sheòrsach agus am putadh chun nan oirean agus tòiseachadh air barrachd fuil a ghlacadh gus barrachd beathannan a shàbhaladh. Feuch leam tòiseachadh air giùlan-fèise agus am fuil fhèin a sgrìonadh seach an taobhadh-fèise.”