Lìonra ùr stèideachadh gus taic a thoirt ri thidsearan LCDT+
Chaidh lìonra air loidhne ùr stèidheachadh an seachdain seo gus taic a thoirt ri thidsearan LCDT+ san Rìoghachd Aonaichte.
Bidh LGBTed ag obair còmhla ri Ionad Charnegie aig Oilthigh Leeds Beckett agus oilthighean eile gus rannsachadh a cho-roinn mu dheidhinn tighinn a-mach nuair a thathar ag obair ann an sgoiltean agus oilthighean.
Chaidh a stèidheachadh le Daniel Gray, tidsear co-sheòrsach, agus Hannah Jepson, Stiùiriche Measaidh agus Taghaidh aig a’ charthannas foghlaim nàiseanta Ambition School Leadership.
Thàinig Gray a-mach dhan sgoil aige an-uiridh. Thuirt e ri PhinkNews:
”‘S e eadar-theachd tràthail a th’ ann an LGBTed a thogas lìonra de thidsearan agus de stiùirichean LCDT+, a bheireas cumhachd dhaibh a bhith fìrinneach ann an sgoiltean, colaistean agus oilthighean gus taic a thoirt do dh’oileanaich agus a bhith na neach-tagraidh airson follaiseachd LCDT+ a mheudachadh anns an t-siostam foghlaim againn.”
“Nì e fìor atharrachadh do thidsearan agus luchd-stiùiridh gus sgoiltean a dhèanamh nas in-ghabhaltach.”
“Nuair a bha mi san sgoil, rè àm Earrann 28, ged nach robh fios agam gun robh mi co-sheòrsach bha mi air mo thruailleadh anns na dòighean as uabhasach air a shon.”
“Nuair a chaidh mi dha na tidsearan, dh’ innse iad dhomh: ”‘S e rudeigin a dh’fheumas tu dèiligeadh ris.” Chaidh casg a chuir orra bho bhith a’ bruidhinn mu a dheidhinn.”
“Gu mì-fhortanach, tha buaidh Earrann 28 fhathast ann agus tha cuid mhath de thidsearan agus stiùirichean sgoile fhathast ana-cinnteach mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ri cùisean LGBT +, fiù ’s ciamar a bheir iad taic do neach LGBT + san sgoil aca.”
“Tha mi ann an suidheachadh sochairichte an-dràsta far an urrainn dhomh a bhith an comhairliche a bha a dhìth orm mi nuair a bha mi san sgoil.”