Maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LCDT na Gàidhealtachd

Thèid maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LGDT na Gàidhealtachd le Mhaoin a’ Chrannchuir Mhòir airson tachartas Proud Ness a chumail ann an Inbhir Nis san t-Sultain. A bharrachd air Proud Ness thathar ag ràdh gum bi sreath de thachartasan nas lugha ann an àiteachan eile anns a’ Ghàidhealtachd sna mìosan a leanas.

Thuirt neach-labhairt an fòraim ri Phink Saltire:

“Tha Fòram LGBT na Gàidhealtachd fìor thoilicte gun d’fhuair sinn maoineachadh. Tha na tachartason airson iomadachd, co-ionnanachd agus co-chòrdadh a bhrosnachadh taobh a-staigh na Gàidhealtachd. Chaidh mòran a dhèanamh leis an Riaghaltas airson seo a bhrosnachadh ach tha obair fhathast ri dhèanamh gus aontachas sòisealta leasachadh anns a’ Ghàidhealtachd.”

Thuirt BPA airson Inbhir Nis agus Inbhir Nàrann, Fergus Ewing:

“Tha mi an dòchas gum bidh deagh fhrithealadh aig na tachartasan seo agus gum bidh iad a’ brosnachadh tuigse agus aontachas nas fheàrr anns a’ Ghàidhealtachd air daoine aig a bheil beachdan agus cùl-raointean eadar-dhealaichte. Bu chòir dhuinn uile luach a thoirt air a chèile mar dhaoine, air sgàth ’s gu bheil beatha luachmhor, agus fuireach còmhla nar coimhearsnachdan le spèis agus aontachas air eadar-dhealachaidhean.”

Tha am Fòram a’ cur fàilte air daoine a bhios airson frithealadh an ath choinneamh aca air 12mh Cèitean anns a’ Ghearasdan far a bhios cothrom ann a bhith a’ cuideachadh le cruth a chur air an tachartas.

Tha Alba air a bhith a’ faicinn àrdachadh mòr ann an tachartasan LGDT san fharsaingeachd, le 11 Fèisean Pròise dearbhte a’ gabhail àite ann an 2018, an coimeas ri dìreach 4 ann an 2017. Tha cuideachd grunn thachartasan a’ gluasad a-mach de mheadhan na h-Alba, leithid Campa Pròise LGDT ann an Siorrachd Inbhir Àir agus Còla-deug Fèis Spòrs LEAP (le 60 tachartas air feadh na h-Alba).

Na bu tràithe sa bhliadhna chaidh a’ chiad Fèis Pròise Tar-ghèitheach a chumail ann an Dùn Èideann agus chaidh tachartasan ùra ainmeachadh airson Siorrachd Pheairt, Dùn Dè, Grampian, Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, Lodainn an Ear agus Eilean Bhòid agus tha seo a bharrachd air tachartasan stèidhichte mar-thà ann an Fìobha, Lodainn an Iar, Dùn Èideann agus Glaschu.

‘S urrainn dhuibh cumail suas leis na tha am Fòram a’ dèanamh air an làrach-lìn aca no air Facebook.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.