Pàrlamaid na h-Alba a’ toirt taic ri Lagh Thuring
Dh’aontaich Pàrlamaid na h-Alba gu h-aon-ghuthach Diciadan ri prìomh-amasan an Historical Sexual Offences (Pardons and Disregards) (Scotland) Bill.
A-nis thèid an reachdas dhan an ath-cheum ’son atharrachaidhean a mholadh agus thathas an dùil gum bi e na lagh nas anmoiche air an t-samhradh.
Bidh an reachdas a’ toirt mathanas fèin-ghluasadach do dhaoine a chaidh an dìteadh fo laghan lethbhreith eachdraidheil.
Bidh e cuideachd a’ toirt cothrom do dhaoine tagradh a dhèanamh airson na dìtidhean aca sguabadh à chlàran eucorach.
Chuir luchd-iomairt co-ionannachd fàilte air a’ bhòt. Thuirt Tim Hopkins, stiùiriche Lìonra Co-ionannachd, “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ chiad deasbad pàrlamaideach air a’ bhile seo.”
“Ged nach urrainn do bhile leth-bhreith san àm a dh’fhalbh agus an cron a rinn e atharrachadh tha e na aithris fìor chudromach gu bheil Alba làn aithreachais agus a’ diùiltadh an leth-bhreith sin agus a-nis a’ smaoineachadh gu bheil na daoine LGBTI nan saoranaich gu tur co-ionann a tha airaidh air spèis cho-ionann.”
Thuirt Rùnaire a’ Cheartais, Michael MacMhathain, “Cuiridh am bile seo teachdaireachd shoilleir dha na daoine air a bheil buaidh orra gun robh na laghan seo mì-cheart.”
Thuirt neach-labhairt ceartas Làbarach Daniel Johnson, “The seo na cheum cudromach air an rathad gus eucoirean eachdraidh neo-dhèanamh agus comann-sòisealta co-ionnan a thogail.”
‘S e Lagh Thuring far-ainm an reachdas an dèidh Alan Tuiring a bha na neach-matamataig agus eòlaiche choimpiutairean. Air feadh an Dàrna Cogadh b’ e còd-cnacair a bh’ ann ag obair aig Pàirc Bletchley ann an Sasainn far an do bhrist e an còd Enigma aig na Gearmailtiche. Ann an 1952, chaidh Turing a dhìteadh airson cleamhnas a dhèanamh le fear. Bha roghainn aige eadar prìosan no spoth ceimigeach agus thagh e spoth. B’ e buaidh an spoth neo-chomas agus dh’fhàs uchdan air. As dèidh dà bhliadhna a’ fuireach leis na buaidhean sin, thug Turing ùthachd dha fhèin. Fhuair e mathanas bho Riaghaltas Bhreatainn ann an 2013.
Thuirt BPA Liberalach Ailig Cole-Hamilton, “Tha an grèim agus an dìteadh aig Alan Turing sgàthanaichte anns na sgeulachdan bho mìle fear is barrachd air feadh na h-eileanan seo agus tha gach fear am bog ann an geur-leanmhainn, irioslachadh agus traidseadaidh ann an cuid de chùisean.”
“Tha am bile seo a’ riochdachadh clach-mìle eile airson còraichean co-sheòrsach san dùithaich seo. Tha e a’ cur an cèill nach eil e gu diofar dè gnè an neach air a bheil an gaol agaibh, ach nas motha na sin, cha bu choir dha a bhith buntainneach a-riamh.”