42 tagraichean LGDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna

A‑rèir an iris OutSmart tha co‑dhiù 42 tagraichean LGDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna.

Tha dithis dhe na tagraichean a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair, aonar mar bhall Àrd‑chuirt Theagsais, triùir mar bhuill Seanadh Theagsais, deichnear mar bhuill Taigh Theagsais, ochdnar mar bhuill a’ Mhór‑dhàil agus dusan eile a’ sireadh oifisean laghail eile.

Am measg na tagraichean tha còignear a tha tar‑ghnèitheach, triùir Ameireaganach‑Afraganach, sianar Spàinnteach agus tha 38 dhiubh buill anns a’ Phartaidh Deamocratach.

Bha Lupe Valdez na Siorram ann an Siorrachd Dhallais eadar 2005 agus 2017 agus i a‑nis a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair. Thuirt i ri OutSmart, “‘S e mòmaid phròiseil a tha seo ann an eachdraidh Theagsais.

“Tha e iongantach gu bheil fear ghèidh agus leasbach comasach air taghadh a sireadh dhan oifis as àirde ann an Stàit Theagsais agus e a’ sealltainn an adhartais a tha sinn air a dhèanamh mar chomann‑sòisealta,” ars Jeffrey Payne, a tha a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair cuideachd.

Fàg beachd