Aithisg ùr a’ sealltainn gu bheil sgaradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh de dhaoine tar‑ghnèitheach

Tha Comann Eadar‑nàiseanta Leasbach agus Co‑sheòrsach (ILGA) air aithisg ùr fhoillseachadh a tha a’ sealltainn gu bheil sgaradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh de dhaoine tar‑ghnèitheach.

Chaidh an aithisg a dhèanamh gus fhaighinn a‑mach ciamar a tha seirbheisean slàinte a’ làimhseachadh daoine tar‑ghnèitheach agus barrachd fhaighinn a‑mach mu dheidhinn leth‑bhreith anns an ionad‑obrach.

“Airson a chiad turas tha leth‑bhreith agus claon‑bhreith an‑aghaidh daoine tar‑ghnèitheach air feadh an Aonadh Eòrpach air a bhith a dhaingneachadh agus a dhearbhadh le aithisg farsaing pan‑Eòrpach mar seo,” arsa Deborah Lambillote, Co‑chathraiche Bòrd‑stiùiridh ILGA.

Tha sinn an dòchas gum bi an aithisg seo na inneal feumail do luchd‑iomairt agus tagraichean a thaobh còirichean daoine tar‑ghnèitheach.”

Faodaidh sibh an aithisg seo leughadh aig: http://www.ilga‑europe.org/europe/publications/non_periodical.

Fàg beachd