Riaghaltas Bhachrain airson clann co-sheòrsach gam peanasachadh

Tha Riaghaltas Bhachrain a’ dèanamh iomairt gus co-sheòrsachd a chur às dhan dhùthaich.

Tha Buill Pàrlamaid air sreath de mholaidhean a chur an gnìomh gus co-sheòrsachd a chur às agus gu connspaideach tha na molaidhean seo ag òrdachadh luchd-teagaisg a chumail sùil air clann airson aomaidh co-sheòrsach agus a bhith gam peanasachadh mar sin.

A bharrachd air seo dh’iarr iad stad a chur air daoine co-sheòrsach cèin a’ fuireach anns an dùthaich agus dh’iarr iad sgrùdadh a dhèanamh gus fhaighinn a-mach dè cho bitheanta ’s a tha co-sheòrsachd ann am Bachrain.

Gu ruige seo tha Bachrain air a bhith nas fosgailte ri co-sheòrsachd an taca ri dùthchannan Muslamach eile anns an Ear-mheadhan.

A dh’aindeoin seo tha co-sheòrsachd fhathast mì-laghail anns an dùthaich agus tha an Riaghaltas air daoine co-sheòrsach cèin fhuadach a-mach san àm a dh’fhalbh.

A-rèir coltas dh’fhuadaich an Riaghaltas 2,000 Filipinich co-sheòrsach a-mach às a dùthaich ann an 2002 ag ràdh gun robh iad an sàs ann an siùrsachd agus gnìomhachdan co-sheòrsach.

Thuirt na Buill Pàrlamaid:

“‘S ann à Dùthaich nan Tàidh neo na h-Eileanan Filipineach a tha na daoine seo agus tha iad a’ tighinn airson an obair seo [obair sna h-ionadan maise agus spathan] fhaighinn, tha iad a’ cleachdadh seo mar smoke screen airson an dòigh beatha co-sheòrsach agus mì-mhoralta aca.”

Read more