Ionnsaigh a thoirt air buidheann LCDT ann an Istanbul leis a’ Phoileas

Tha Poileas ann an Istanbul, An Tuirc, air ionnsaigh a thoirt air buidheann LCDT agus tha iad air ràdh gun robh adhbhar aca air sgàth ’s cho tric ’s a bhios daoine tar-ghnèitheach a’ tadhal air na h-oifisean aca.

A bharrachd air seo tha an Ionad Cultarach Lambda ann an Istanbul air ionnsachadh gun tuirt cuideigin gun ainm ris a’ Phoileas gun robh am buidheann an sàs ann an siùrsachd, a’ fastadh siùrsaich tar-ghnèitheach agus a’ sgaoileadh an tuarastal aca eadar iad fèin.

Bha còrr ’s 12 oifigear anns na h-oifisean aig Lambda Istanbul fad dà uair a thìde feasgar Diluain seachdain seo chaidh fhad ’s a bha iad a’ sgrùdadh na h-oifisean agus a h-uile rud nam broinn. Ged nach do lorg iad dad sam bith ghlac iad na pàipearan ionmhais aig a’ bhuidheann.

A bharrachd air seo tha Lambda Istanbul an sàs ann an cùis-lagha eile gus am faigh iad inbhe oifigeil mar bhuidheann-charthannachd as dèidh dhan chomhairle ag ràdh gun robh iad nan cunnartan ro luachan tradaiseanta.

Thèid an cùis-lagha gu cùirt 17mh den Ghiblean.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.