Riaghailtean ùra gus dèiligeadh ri gràin-tar-ghnèitheachd air Twitter

26 An t-Samhain 2018

Tha Twitter air na riaghailtean aca ùrachadh gus dèiligeadh ri daoine a tha ri gràin-tar-ghnèitheachd.

Tha Gay Times ag aithris gun deach na riaghailtean ùrachadh san Dàmhair ach cha deach a mhothachadh ron a sheo.

Anns na Teirmean agus Cumhaichean ùra aca tha iad a’ soilleireachadh gum bi tòrr dhaoine LCDT+ a’ fulang droch-dhìol air loidhne.

“Tha sinn ag aithneachadh gum bi an droch-dhìol a bhios daoine a’ fulang air Twitter a’ toirt buaidh air an comas aca a bhith a’ cur iad fhèin an cèill.”

“Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil cuid de bhuidhnean dhaoine air an cuimseachadh gu neo-iomchaidh le droch-dhìol air loidhne.”

“Nam measg: boireannaich; daoine de dhath; daoine leasbach, co-sheòrsach, dà-sheòrsach, tar-ghnèitheach, queer, eadar-sheòrsach & neo-sheòrsach; coimhearsnachdan air an iomall agus gun riochdachadh gu h-eachdraidheil.”

“Faodaidh droch-dhìol a bhith nas cumanta, nas dorra ann an nàdar agus a’ toirt buaidh nas àirde air daoine a bhios ag aithneachadh le iomadh buidheann dì-riochdaichte.”

A bharrachd air na Teirmean agus Cumhaichean tha iad air na riaghailtean atharrachadh a thaobh aithriseadh de chunntasan droch-dhìolach.

“Tha sinn a’ toirmeasg cuimseachadh air daoine le aithisean, tròpaichean no susbaint eile a bhios dì-dhaonnachadh, ìsleachadh no a bhios a’ daingneachadh gnàth-ìomhaighean àicheil no cronail mu bhuidhnean glèidhte.”

“Tha seo a’ toirt a-steach cuimseachadh a dh’aona-ghnothach air daoine tar-ghnèitheach le bhith a’ cleachdadh an gnè neo ainm ceàrr dhaibh.”

• • •

Bu chòir cùisean LCDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne

22 An t-Samhain 2018

Tha doctairean bho Cholaiste Rìoghail Leigheas agus Slàinte Chloinne (RCPCH) air aontachadh gum bu chòir cùisean LCDT a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne.

Tha an aithris aca air tighinn mar fhreagairt air co-chomhairle Roinn an Fhoghlaim mu atharrachaidhean dhan a’ churraicealam a thaobh Foghlam air Dàimhean agus Feise.

Dh’aontaich iad ri ceist 10 a’ cho-chomhairle gu bheil an curraicealam ùr iomchaidh dhan a h-uile aois ach cha do dh’aontaich iad ri ceist 11: “A bheil sibh ag aontachadh gum bi susbaint a thaobh Foghlam air Dàimhean, mar a tha e air a mhìneachadh ann am paragrafan 50-57 dhen stiùireadh, a’ toirt eòlais gu leòr do sgoilearan bun-sgoile gus dàimhean deimhinneach a chruthachadh?”

A-measg na molaidhean eile aca, thuirt iad gum bu chòir “aithris soilleir a bhith ann gu bheil daoine agus dàimhean LCDT na phàirt de theagaisg bun-sgoile mu dheidhinn dàimhean fallain. Faodar seo a shealltainn ann an co-cheangal ri teaghlaichean – ach tha e cuideachd feumail do chlann ionnsachadh ciall teirmean a leithid leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach.”

Mar phàirt dhen fhreagairt aca air ceist 24, “A bheil beachdan sam bith eile agaibh mun dhreachd stiùireadh reachdail a bu mhath leibh toirt ris an roinn?”, thuirt iad gu bheil iad a’ cur fàilte air “am moladh” gum bu chòir cùisean LCDT a bhith ‘bunaiteach’.”

Faodar am freagairt gu lèir aca a leughadh air loidhne an seo.

• • •

Poileas Alba ri sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu

19 An t-Samhain 2018

Chaidh iarraidh air Poileas Alba sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu.

Thathar a’ tuigsinn gun deach fios a chur ris am poileas mu airgead a chaidh air chall as dèidh tachartas na bliadhna seo.

‘S e seo an dàrna rannsachadh air ionmhas an fhèis leis am Poileas ann am Manchester a’ sgrùdadh pàighidhean air loidhne.

Thuirt Chris Laing, Stiùiriche an fhèis, gun robh e fhèin agus na h-oifigearan ùra eile draghail mu ionmhas na buidhne as dèidh dhaibh gabhail smachd air an fhèis as dèidh tachartas na bliadhna seo agus gun do chuir iad fios ris am poileas sa bhad.

Tha na h-eagraichean fhathast an dùil gun tèid an fhèis air adhart ann an 2019 ged a tha fiach mhòr fhathast aca ri phàigheadh gu Comhairle Ghlaschu.

• • •

Cùisean LCDTE ri theagaisg ann an sgoiltean Albannach airson a’ chiad turas

09 An t-Samhain 2018

Chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gun tèid cùisean LCDTE a theagaisg ann an leasanan sgoile airson a’ chiad turas.

Ann an aithris ministreil gu Taigh an Ròid dh’ainmhich Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, gu bheil an Riaghaltas air gabhail ris a h-uile moladh de bhuidheann obrach foghlaim in-ghabhalach LCDTE (a ghabhas leughadh an seo) a chaidh a stèidheachadh leis an amas curraicealam agus àrainneachd shòisealta nas càirdeil a chruthachadh do sgoilearan LCDTE agus gus dèiligeadh ri burraidheachd.

Am measg molaidhean a’ bhuidheann tha stiùireadh agus trèanadh nas fheàrr do thidsearan, sgrùdaidhean sgoile air in-ghabhail LCDTE agus clàr de thachartasan burraidheachd ann an sgoiltean.

Gheibh a h-uile sgoil stàite taic gus diofar bhuidhnean aois a theagaisg mu chùisean a leithid briathrachas agus dearbh aithne LCDTE, dèiligeadh ri leth-bhreith, gràin-co-shèorsachd, gràin-dà-sheòrsachd agus gràin-tar-ghnèitheachd agus eachdraidh an iomairt airson co-ionannachd.

Ro 2000 bha e mì-laghail airson co-sheòrsachd a bhrosnachadh ann an sgoiltean fo Earrann 28.

Tha an naidheachd seo a’ tighinn mar thoradh air an Iomairt TIE (Time for Inclusive Education) a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 le Jordan Daly agus Liam Stevenson.

A’ bruidhinn air an naidheachd thuirt co-stèidheadairean an iomairt:

“As dèidh trì bliadhna de iomairt, tha sinn air leth toilichte gum bi foghlam in-ghabhalach LCDT na fhìrinn ann an sgoiltean stàite na h-Alba air fad. 18 bliadhna as dèidh Earrann 28 a mì-laghachadh tha frèam nàiseanta làidir againn mu dheireadh thall airson an sgàilean fada a chaidh a thilgeil thairis air an roinn foghlam againn a cheartachadh.”

“Tha seo a’ ciallachadh gun ionnsaich daoine òga gu lèir mun choimhearsnachd LCDT; na tha iad air cur ris a’ chomainn-shòisealta, eachdraidh ar gluasadan airson còirichean co-ionann agus am buaidh a th’ aig gràin-co-sheòrsachd, gràin-dà-sheòrsachd, gràin-tar-ghnèitheachd agus burraidheachd.”

• • •

Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach

08 An t-Samhain 2018

Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite-obrach a-rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin.

Chruthaich an sgrùdadh beachdan bho 400 duine anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2016.

A-rèir na toraidhean thuirt 73% de fhireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach gun do dh’fhulaing iad burraidheachd gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan nuair a bha iad ann an sgoil. Thuirt 35.2% gun do dh’fhulaing iad burraidheachd an dà chuid ann an sgoil agus san àite-obrach. Cha tuirt ach 9.9% nach robh iad air burraidheachd sam bith a dh’fhulaing a-riamh.

Tha seo an coimeas ri boireannaich leasbach agus dà-sheòrsach a thuirt gun do dh’fhulaing 59% dhiubh burraidheachd san sgoil gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan agus 29% dhiubh san sgoil agus àite-obrach.

B’ e 37 aois chuibheasach nan com-pàirtichean, a’ ciallachadh gur ann eadar 1985 agus 1997 a bha iad ann an sgoil.

Thuirt Dr Nick Drydakis, ùghdar an sgrùdaidh, gu bheil na toraidhean a’ moladh gu bheil burraidheachd na dhuilgheadas a leanas daoine LCD bhon sgoile dhan àite-obrach agus bidh seo a’ toirt droch bhuaidh seasmhach air na daoine fhèin, companaidhean agus a’ chomann sòisealta gu h-iomlan.

‘S e co-dhùnadh an sgrùdadh gu bheil burraidheachd aois sgoile ag adhbharachadh ìrean nas àirde de throm-inntinn, uallach agus iomagain agus ìre fèin-mheasaidh nas ìsle. Mar thoradh air sin tha an àireamh de dhaoine LCD a’ dol air adhart gu foghlam aig àrd-ìre nas ìsle agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil nas lugha de dhaoine LCD, gu h-àraid fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a’ faighinn obair ann an dreuchdan white-collar.

Gus dèiligeadh ris an duilgheadas seo tha an sgrùdadh a’ moladh ro-innleachdan a chur an gnìomh ann an sgoiltean agus àiteachan-obrach an aghaidh burraidheachd agus e ag ràdh gu bheil buidhnean LCDT+ na chuideachadh do dhaoine LCDT+ san àite-obrach.

• • •

Fèis film LCDT+ ri tilleadh a Ghlaschu

06 An t-Samhain 2018

Thèid an ceathramh Scottish Queer International Film Festival (SQIFF) a thilleadh a Ghlaschu 5mh – 9mh An Dùbhlachd.

Thèid a chumail thairis an còig latha aig ionadan a leithid CCA, GFT, an Sgoil Ealain agus Pàirc Kinning. Cuideachd bidh prògram ro-sheallaidh aig sgrìonan air feadh na dùthcha, An Lanntair, Steòrnabhagh nam measg, anns an t-Samhain.

Bidh am prògram 2018 a’ dèanamh fòcas air filmichean Àisianach agus Arabach a bharrachd air sreath dhe na filmichean goirid Albannach as fheàrr, leughadh neo-sheòrsach (asexual) de Wizard of Oz agus fiù ’s taisbeanadh fìorachd bhiortail.

Tha SQIFF air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail agus e air còrr is £46,000 fhaighinn airson an fhèis 2018.

Thuirt neach-labhairt an fhèis gu bheil iad airson an fhèis fosgladh ri barrachd dhaoine ’s mar tha bidh tiocaidean airson a h-uile tachartas ri fhaotainn air sgèile slaighdidh a-rèir na dh’fhaodas daoine a phàigheadh air an son agus bidh maoineachadh siubhail ri fhaotainn do dhaoine nach dh’fhaodadh frithealadh as aonais. Cuideachd bidh àite sàmhach aig am prìomh àite, an CCA, agus tha iad a’ beachdachadh air grunn thachartasan a thabhann do dhaoine bodhar agus daoine ciorramaich.

Ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh mu phrògram an fhèis no airson tiocaidean a cheannach faodar tadhal air an làrach-lìn aca an seo.

• • •

Maoineachadh de £1 millean a bharrachd dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LCDT+

05 An t-Samhain 2018

Chaidh ainmeachadh leis an Riaghaltas Didòmhnaich gun tèid maoineachadh de £1 millean a bharrachd a thoirt dhan iomairt an aghaidh burraidheachd LCDT+ ann an sgoiltean.

Tha an iomairt stèidhichte ann an 1200 sgoiltean Shasannach mu thràth ach thuirt Ministear nam Ban agus Co-ionannachd, Penny Mordaunt, gum bidh tabhartasan ùr ri fhaighinn a’ tòiseachadh an-diugh (5mh An t-Samhain 2018) leis an amas a bhith a’ sabaid burraidheachd LCDT+ ann am barrachd sgoiltean air feadh na dùthcha.

A-rèir an Riaghaltas tha diofar phàirtean am broinn a’ phrògraim. Tha pàirt dheth ag amas air luchd-teagaisg a thrèanadh gus comharran tràtha air burraidheachd a lorg agus mar a ghabhas eadar-theachd iomchaidh a dhèanamh. Tha pàirt eile dheth a’ toirt ghoireasan do luchd-teagaisg gus leasanan a lìbhrigeadh air cùisean LCDT.

Tha Oifis Co-ionannachd an Riaghaltas (GEO) cuideachd air maoin ùr de £600,000 a stèidheachadh do bhuidhnean coimhearsnachd ionadail a bhios a’ toirt seachad seirbheisean do dhaoine LCDT+ agus £1 millean eile do bhuidhnean a’ dèanamh fòcas air slàinte agus cùram sòisealta de dhaoine LCDT+.

Tha am maoineachadh ùr seo air tighinn mar fhreagairt air suirbhidh riaghaltais de dhaoine LCDT+ – an sgrùdadh as motha dhen t-seòrsa seo a riamh – nas tràithe am bliadhna.

Cuideachd mar fhreagairt air an t-suirbhidh, dh’ainmich an Riaghaltas Plana Gnìomh LCDT anns an Iuchar a tha air air a dhèanamh suas le 75 geallaidhean airson dèiligeadh ri leth-bhreith agus leasachadh beatha dhaoine LCDT+ san Rìoghachd Aonaichte.

B’ e cuid dhe na geallaidhean gum biodh comhairliche slàinte LCDT+ a chur an dreuchd agus gum biodh casg a chur air leigeasan atharrachaidh co-sheòrsach.

Cuideachd dh’ainmich a’ Bh-uas Mordaunt gun tèid naoinear a fhastadh airson ballrachd a ghabhail ann am pannal comhairleachaidh LCDT còmhla ri bhuill eile bho Stonewall, an Co-bhanntachd LCDT agus am Fonndas LCDT gus comhairle a thoirt ris an Riaghaltas air poileasaidh LCDT. Thathar an dùil gun tèid am pannal a stèidheachadh am mìos seo.

• • •

Còrr is $3000 air a thogail airson leabhraichean cloinne LCDT+ a thoirt ri leabharlann Ameireaganach

02 An t-Samhain 2018

Tha an t-eadar-lìon air còrr is $3000 a thogail gus leabhraichean cloinne LCDT+ ùra a cheannach dhan leabharlann ann am Baile Orainds, Iowa.

Chaidh an iomairt a chur an gnìomh mar thoradh air bhideo a chaidh a sgaoileadh air Facebook le Paul Dorr anns an do loisg e sreath de leabhraichean cloinne LCDT+ bhon leabharlann a’ toirt a-steach Two Boys Kissing le David Levithan agus This Day in June le Gayle Pitman.

Thuirt Mgr Dorr anns am bhideo nach b’ urrainn dha “leigeil leis na h-inbhich aig Bòrd Leabharlann Baile Orainds an ath-bhuidheann de chlann bheag a thoirt a-steach dhan fhìorachd ghnèitheasach salach aca gun chomhaireachd làidir” agus gu bheil e dhen bheachd gu bheil co-sheòrsachd air adhbharachadh le cron a bhios inbhich a’ dèanamh air clann.

Cuideachd bhrosnaich e daoine LCDT+ a bhith a’ coiseachd air falbh bho chlaonadh, a’ dèanamh aithreachas agus a’ tilleadh air ais gu Crìosda.

Mar thoradh air am bhideo chaidh iomairt togail airgid a chur an gnìomh air Facebook le Justin Scott gus “leabharlann Baile Orainds a lìonadh le tòrr leabhraichean a bharrachd a chomharraicheas eòlas beatha agus tabhartasan de dhaoine LCDT+.”

Aig àm fhoillseachaidh an sgeulachd seo chaidh $1626 a thogail leis.

Thuirt Mgr Scott ann am post air Facebook:

“Seall air an taic làidir – bho Crìosdaidhean, neo-dhiadhairean agus a h-uile duine eile eadarra – a tha a’ choimhearsnachd LCDT+ air fhaighinn mar thoradh air an cleas sgreamhail aige”

Chaidh còrr is $2300 a bharrachd a thogail le iomadh iomairtean togail airgid eadar-dhealaichte air GoFundMe (Orange City LGBT Library Fund / Replace the Vandalized LGBT books / Replace the burned LGBTQ+ books!).

Tha Mgr Dorr air ràdh nach biodh e a’ pàigheadh airson na leabhraichean a sgrios e. Mura dèan e sin dh’fhaodadh e bhith air a chur an cèill agus ’s e 30 latha sa phrìosan agus cìs de $625 am binn as motha gum b’ urrainn dha fhaighinn.

Tha ionnsaighean air susbaint LCDT+ ann an leabharlannan anns na Stàitean Aonaichte air àrdachadh anns na mìosan a dh’fhalbh.

Anns an t-Sultain chaidh cuideam a chur air Leabharlann Poblach Rumford ann am Maine gus casg a chur air leabhraichean LCDT+ air sgàth gun robh Crìosdaidhean ag ràdh nach robh iad iomchaidh do chlann.

Cuideachd anns an t-Sultain chur gnìomhaichean bileag lagha a-steach an aghaidh Leabharlann Lafayette ann an Louisiana airson tachartas a chumail far an robh Bànrighrean-draga a’ leughadh sgeulachdan dhan chlann.

Chaidh bileag lagha dhen aon t-seòrsa a chur a-steach an aghaidh Leabharlann Houston ann an Texas 19mh An Dàmhair.

• • •

Jeff Bezos air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a bhòtas gu cunbhalach an aghaidh còirichean LCDTE+

01 An t-Samhain 2018

Tha Jeff Bezos, Ceannard Amazon, air tabhartas de $10,800 a thoirt gu Seanadair Poblachdach a tha air bhòtadh gu cunbhalach an aghaidh còirichean LCDTE+.

Bhuannaich Mgr Bezos duais an-uiridh bho Iomairt Chòirichean Daonna airson $2.5 millean a thoirt dhan iomairt airson co-ionannachd pòsaidh ann an Stàit Washington ann an 2012.

Thug e òraid seachad mu neo-ionannachd aig an t-seirbheis duais anns an tuirt e :

“Feumaidh sinn ga nochdadh, ga thuigsinn, ga cheasnachadh agus ga chur ceart. Agus tha sinn ga chur ceart.”

Ach a-nis thathar ag aithris gu bheil Mgr Bezos air $10,800, an tabhartas ceadaichte as àirde, a thoirt gu Seanadair Cory Gardner airson an iomairt taghaidh 2020 aige.

Mar chathraiche Comataidh Seanaireach Poblachdach Nàiseanta, tha Seanadair Gardner am measg nan daoine as cumhachdaiche sa phàrtaidh aige.

Bhòt e roimhe gus stad a chur air càraidean aon-ghnèitheach anns an stàit bho bhith ag uchd-mhacachadh cloinne no a’ dealbhadh an oighreachd aca còmhla. Bhòt e an-aghaidh bile a chuireadh casg air leth-bhreith a thaobh gnèitheachd, agus fhad ’s a bha e ann an Taigh Riochdairean nan Stàitean Aonaichte bhruidhinn e agus bhòt e an aghaidh pòsadh aon-ghnèitheach iomadh turas.

• • •

Fèis-pròise Iúr Cinn Trá gu bhith a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019

30 An Dàmhair 2018

Chaidh ainmeachadh gum bi Fèis-pròise Iúr Cinn Trá (Newry) a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019.

Chaidh ainmeachadh nuair a thàinig faisg air 100 buidhnean pròise còmhla ann an Glaschu aig an deireadh sheachdain airson a’ cho-labhairt bhliadhnail aca.

Chuir na buidhnean taic aon-ghuthach ris an tagradh bho Fhèis-pròise Iúr Cinn Trá agus Fèis-pròise Bheul Feirste.

‘S e Èirinn a Tuath na aon phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte a tha fhathast ri poileasaidhean in-ghabhalach LCDTE+ a chur an gnìomh.

Chaidh ainmeachadh aig an aon àm gum bi Fèis-pròise a Tuath ann an Caisteal Nuadh a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2020.

Faodaidh sibh cumail suas leis na naidheachdan as ùire bhon fhèisean aig na làraichean-lìn seo:

Fèis-pròise Iúr Cinn Trá: http://prideinnewry.com/

Fèis-pròise a Tuath: http://www.northern-pride.com/

• • •

A’ chiad cead-siubhail neo-ghèitheach air a thoirt a-mach anns na Tìrean Ìsle

23 An Dàmhair 2018

Chaidh cead-siubhail neo-ghnèitheach (gender neutral) a thoirt a-mach anns Na Tìrean Ìsle airson a’ chiad turas.

Chaidh a thoirt gu Leonne Zeegers agus tha ga comharrachadh mar gnè X an àite boireann no fireann.

Chaidh Leonne a rugadh eadar-sheòrsach (intersex) ach fhuair i obair-lannsa ann an 2001 gus a bhith i na boireannach.

A-nis tha i ag aithneachadh mar neo-ghnèitheach agus bidh i a’ cleachdadh riochdairean boireannach dhi fèin.

Cha bhi Na Tìrean Ìsle a’ toirt comharradh neo-ghnèitheach dhan a h-uile duine a tha ga iarraidh. Feumaidh gach duine a dhol gu cùirt airson aithneachadh oifigeil fhaighinn air an gnè aca.

Tha Zeegers air a bhith an-sàs ann an cùis-lagha fa dà bhliadhna airson aithneachadh oifigeil mar duine neo-ghnèitheach.

Tha dùthchannan eile a leithid a’ Ghearmailt, An Argantain, An Danmhairg, Astràilia, Canada, Malta, na h-Innseachan, Neapàl, Pagastàn agus Sealainn Nuadh uile ag aithneachadh daoine neo-ghnèitheach.

Anns an Rìoghachd Aonaichte, dh’atharraich an Riaghaltas an stiùireadh oifigeil aca a bhith nas taiceile air daoine neo-ghnèitheach ach anns an t-Òg-mhios dhiùlt an àrd-chùirt cùis-lagha Christie Elan-Cane a bha a’ feuchainn ri roinn X fhaighinn air ceadan-siubhail Bhreatannach.

• • •

Dòchas ùr airson pòsadh aon-sheòrsach ann an Èirinn a Tuath

23 An Dàmhair 2018

Tha dithis bhall-phàrlamaid Làbarach air plana a chur an gnìomh a dh’fhaodadh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.

Tha Conor McGinn air a bhith a’ dèanamh iomairt airson co-ionannachd pòsaidh aig an aon àm ’s a tha Stella Creasy air a bhith a’ dèanamh iomairt airson còirichean casg-breith.

Tha an dithis a-nis air atharrachadh a thagradh do bhile a bhios a’ dol dhan Phàrlamaid Diciadain gus cumhachdan nan seirbheisich catharra ann an Èirinn a Tuath a leudachadh às aonais riaghaltas tiomnaichte san roinn.

Ma tha iad soirbheachail bhiodh an atharrachadh “Còirichean Co-ionann do Mhuinntir Èirinn a Tuath” a chur às dhan chasgan a th’ air pòsadh aon-sheòrsach agus casgan-breith.

Thuirt Mgr McGinn ris The Guardian:

“Tha a h-uile cunntas-bheachd a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-shluagh ann an Èirinn a Tuath, a’ mhòr-chuid dhe na pàrtaidhean poilitigeach agus an t-uamhas de BhP ann an Taigh nan Cumantan a’ toirt taic ri co-ionannachd pòsaidh.”

“Tha co-ionannachd do dhaoine LCDT ann an Èirinn a Tuath fada ro fhada agus tha an t-atharrachadh seo a’ toirt cothrom dhan Riaghaltas a bhith a’ maidseadh na thuirt iad ris na gnìomhan aca gus Èirinn a Tuath a thoirt gun aon ìre leis a’ chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.”

Chur am buidheann Love Equality, a bhios a’ dèanamh iomairt airson co-ionannachd pòsaidh, fàilte air an naidheachd:

“Tha sinn a’ cur taic dhan ghluasad ùr seo leis na BP Conor McGinn agus Stella Creasy gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.”

“Leis nach eil dùil sam bith gum bi fèin-riaghladh a’ tilleadh tha sinn feumach air Buill-Phàrlamaid a chur stad air an leth-bhreith an-aghaidh càraidean LCDT ann an Èirinn a Tuath. Faighnichibh dhan BP agaibh taic a chur ris.”

• • •