Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Tha Nigel Farage, a tha air dà sgaradh-pòsaidh fhaighinn, air ràdh gur ann eadar fear agus bean a tha an dàimh as seasmhaiche. Bha Farage a’ cumail co-labhairt naidheachd ag ainmeachadh gu bheil Danny Kruger air gluasadh gu Reform UK nuair a chaidh a fhaighneachd air nan robh e ag aontachadh le beachd Kruger gur e pòsadh eile-sheòrsach bun-stèidh sòisealtas sàbhailte agus soirbheachail. Chaidh Farage a chàineadh leis a’ BhP Làbarach, Nadia Whittome, a thuirt gun robh e ri gràin co-sheòrsachd, agus gum biodh còraichean na coimhearsnachd LGBT+ ann an cunnart fo riaghaltas Reform.
Tha seann cho-cheannard nan Uaineach, Carla Denyer, air ìmpidh a chur air an riaghaltas leigeil le buill-phàrlamaid stiùireadh ur an EHRC air àiteachan aon-sheòrsach a dheasbad mus tèid a chur an gnìomh. Cha deach an stiùireadh ùr fhoillseachadh fhathast, ach tha dragh ann gum bi daoine tar-ghnèitheach air an casg bho bhith a’ cleachdadh seòmraichean-locair, taighean-beaga agus seirbheisean eile nach eil a’ co-fhreagairt ris a’ ghnè a chaidh a bhuileachadh orra aig àm am breith. Sgrìobh Denyer gu bheil dragh mhòr air daoine tar-ghnèitheach anns an roinn-phàrlamaid aice nach biodh iad comasach a bhith beò nam beathannan làitheil le prìobhaideachd agus urram.
Tha còrr ‘s 650 gnìomhachasan, Ben & Jerry’s, Lucy & Yak, agus Lush Cosmetics nam measg, air sgrìobhadh chun an Riaghaltas air thoiseach air foillseachadh stiùireadh ùr an EHRC ‘s iad ag ràdh nach obraicheadh casg air daoine tar-ghnèitheach bho àiteachan aon-sheòrsach. Thuirt iad gum biodh air luchd-obrach a bhith mar oifigearan-poileis a’ faighneachd ceistean sàrachail no sgrìobhainnean air daoine gus an gnè aca a dhearbhadh agus gum biodh iad ann an cunnart gearanan agus cùisean-lagha fhaighinn bho gach taobh.
Tha preasantair Fox News air ràdh gur e cùram-slàinte daingneachadh gnè ag adhbharachadh daoine tar-ghnèitheach a bhith a’ dèanamh gnìomhan ainneartach. Bha Rachel Campos Duffy, Lawrence B. Jones agus Kevin Corke a’ bruidhinn mu dheidhinn Tyler Robinson, a thug ionnsaigh mhairbhteach air an neach-iomairt on làimh dheis Charlie Kirk air Fox & Friends Didòmhnaich. Thuirt Jones gun deach Kirk a losgadh fhad ‘s bha e a’ bruidhinn mu dheidhinn luchd-losgaidh tar-ghnèitheach agus gun ro Robinson ann an dàimh le cuideigin a tha tar-ghnèitheach nuair dh’fhaighnich Campos-Duffy gu “dè a tha na drugaichean [a bhios iad a’ gabhail gus eadar-ghluasad] a’ dèanamh ris na bòdhagan agus nan inntinnean.
Tha na Riochdairean Nancy Mace (Carolina a Deas) agus Ronny Jackson (Teagsas) air ràdh gum bu chòir do dhaoine tar-ghnèitheach a bhith air an cur gu ospadalan-inntinn ann an agallamhan fa-leth mun ionnsaigh mhairbhteach air an neach-iomairt on làimh dheis Charlie Kirk. Thuirt Mace gu bheil “tinneas air na daoine seo” agus gum bu chòir dhaibh a bhith air an glacadh ann an “straitjacket with a hard steel lock”. Chaidh iarraidh air Jackson nam bu chòirear ospadalan-inntinn a thoirt air ais agus thuirt e gur e ceannairciche a th’ ann an daoine tar-ghnèitheach, gu bheil trioblaidean saidhg-eòlach orra agus gum bu chòir dhaibh a bhith air an toirt far na sràidean.
Tha luchd-poileataigs Poblachdach ann am Michigan air bile a chur a-steach feuchainn ri casg a chur air pòrn agus susbaint sam bith co-cheangailte ri daoine tar-ghnèitheach agus luchd-taisbeantais draga. Nan tèid a dhèanamh ‘na lagh, tha am bile a’ moladh binn suas ri 20 bliadhna sa phrìosan agus/no peanas-airgid suas ri $100,000 air duine sam bith a thèid a dhìteadh fodha.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.