Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Chaidh neach-taice Baile Eilginn a chur a-mach à Stèideam Borough Briggs rè geama an aghaidh Baile Dhùn Èideann Disathairne às dèidh dhaibh droch-bheul homafòbach a thoirt do chluicheadair à Dùn Èideann. Thuirt a’ chlub gur e eucoir gràin a th’ ann an gràin co-sheòrsachd agus gun àireamh nan stiùbhart aig geamannan san àm ri teachd àrdachadh.
Tha diùraidh ann am Middlesbrough air tar-bhoireannach fhaighinn ciontach de thrì chasaidean drabastachd. Chaidh Ciara Watkins, 21, a chur an greim fo chasaid gun tug i ionnsaigh feiseil air fireannach, nach robh air ainmeachadh, o chionn ’s nach tuirt i ris gun bheil i tar-ghnèitheach mus an robh iad ri gnìomhan feiseil. Thuirt an neach-lagha aice ged a tha i air a bhith ag aithneachadh mar bhoireannach fad ochd bliadhna, nach eil i air cùram-slàinte daingneachadh gnè sam bith fhaighinn fhathast agus gu bheil e follaiseach nach e boireannach bith-eòlasach a th’ innte. Thuirt am fireannach ge-tà nach robh fios aige gus an do dh’innis i dha ann an teachdaireachd às dèidh làimhe agus mar sin co-dhùin an diùraidh nach robh am fireannach comasach air aonta fiosraichte a thoirt seachad. Thuirt am britheamh gum bi aice ris a h-ainm a cur ri clàr nan drabastairean ro cheann trì latha agus gun tèid binn a chur oirre air an 10mh den Dàmhair an dèidh do dh’aithisg chùl-fhiosrachaidh a bhith air a cur ri chèile.
Chaidh seann oifigear-poilis anns a’ Chuimrigh Nuadh a Deas, Beau Lamarre-Condon às àicheadh gun do mhurt e càraid ghèidh ann an Sydney anns a’ Ghearran 2024. Chaidh cuirp Jesse Baird, 26, agus Luke Davies, 29, a lorg air làrach dùthchail ann am Bungonia, baile beag mu 115 mìle taobh a-muigh Sydney, ochd latha as dèidh dhaibh air an dol a dhìth, agus iad air a bhith air an losgadh le gunna. Chaidh Lamarre-Condon, seann bhràmair Bhaird, a chur an greim an dèidh mar a chaidh fuil agus peilear bho a ghunna a lorg aig taigh Bhaird.
Tha fireannach Tuiniseach gun dachaigh an greim ann an Paras fo chasaid gun do mhurt e ceathrar fhear. Chaidh na fireannaich ainmeachadh mar Franz, Frangach 48 bliadhna a dh’aois a chaidh a dhìth 11 An Lùnastal; Sami, Aildireach 21 bliadhna a dh’aois a chaidh a dhìth 7mh An Lùnastal ; Abdellah, Arabach 21 bliadhna a dh’aois a chaidh a dhìth 26mh an t-Iuchar; agus Amir, Tuiniseach 26 bliadhna a dh’aois 31d an t-Iuchar. Thuirt na Poilis gun robh dithis aca leth-rùisgte agus bheil iad dhen bheachd gur e gràin co-sheòrsachd a tha air cùlaibh air na muirt an dèidh mar a chaidh na cuirp a thoirt a-mach as an t-Seine faisg air làrach far a bhios fireannaich gèidh a’ coinneachadh ri chèile.
Tha fireannach, 51, an greim ann Caldwell, Idaho, fo chasaid gun do mhurt e a nighean. Dh’aidich Delbert Cornish ris na Poilis gun do loisg e Onyx Cornish, 18, na ceann mus do suain e a corp ann am bratach-pròise mar chuimhneachan oirre. Nuair a ràinig a mhac dhachaigh às an sgoil, dh’innis e dha na rinn e agus thomh e a’ ghunna ris ach bha am balach comasach air athair a dhì-armachadh mus do chur e gairm ris na Poilis.
Tha cùirt ann an Ceinia air an riaghaltas òrdachadh reachdas a thoirt a-steach gus dìon laghail a thoirt do thar-bhoireannaich agus tar-fhireannaich. Bha an cùirt a’ riaghladh air cùis Shieys Chepkosgei, tar-bhoireannach a chaidh a chur an grèim ann an 2019 fo chasaid breug-riochdachaidh. Riaghail a’ chùirt gun deach a còraichean a briseadh nuair a chaidh a rùsgadh agus a chur fo iomadh sgrùdadh meadaigeach gus a gnè a dhearbhadh. Fhuair Chepkosgeil 1,000,000 tastan Ceineach (mu £5,700) de dh’airgead-dìolaidh.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.