Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Tha ro-aithisg bho Oifis Àrd-choimiseanair nan Dùthchannan Aonaichte airson Còraichean Daonna ag ràdh gu bheil neo-shàstachd gnè leanmhainneach agus gu bheil iomairt eadar-nàiseanta a’ criomadh còraichean bhoireannach le bhith ag atharrachadh am mìneachadh laghail a th’ aig fireannach agus boireannach. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil buill-stàite an UN a tha a’ gabhail ri tar-bhoireannaich a’ diùltadh aithne laghail eadar-dhealtaichte do bhoireannaich, buidheann so-leònta a tha feumach air dìon fo lagh eadar-nàiseanta. Mhol ùghdar na h-aithisge, Reem Alsalem, co-dhùnadh Prìomh-chùirt na Rìoghachd Aonaichte air dè a th’ ann am boireannaich. Tha i a’ moladh casg air daoine sam bith fo aois 18 bho bhith a’ dèanamh eadar-ghluasad laghail no sòisealta, is i ag ràdh gum bu chòir dhaibh dol fo leigheas saidhg-eòlach na’ àite.
Chaidh iomairt ùr a chur air bhog gus fireannaich gèidh agus dà-sheòrsach, agus gu h-àraid an fheadhainn òg agus dubh, a brosnachadh PrEP (leigheas ro-chasgach airson daoine a tha gu bhith ann an cunnart HIV fhaighinn) a chleachdadh. Bidh an iomairt, PrEP Protects, a’ ruith fad an t-samhraidh. Tha e a’ tighinn as dèidh gun deach stiùireadh meadaigeach ùr fhoillseachadh a tha ag ràdh gum bu chòir do PhREP a bhith air a thoirt don a h-uile neach a tha ga iarraidh gun a bhith a’ faighneachd orra mun ghnìomhachd feise aca. A-rèir Buidheann Tèarainteachd Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, chan eil 36% den fheadhainn fo aois 25 a tha ann an cunnart HIV a’ gabhail PrEP, an taca ri 24% den fheadainn eadar 25-34. Tha fireannaich dubh cuideachd mòran nas eu-coltaiche PrEP a ghabhail na tha fireannaich geal. Faodar barrachd fhiosrachaidh mu PhREP fhaighinn aig https://www.startswithme.org.uk
Tha Roinn an Fhoghlaim air an stiùireadh aca air foghlam feise agus dhàimhean ùrachadh is ag innse do sgoiltean gum bu chòir dhaibh a bhith mothachail gu bheil deasbad a’ dol mu dhearbh-aithnean gnè, agus nach bu dhaibh a bhith gan teagaisg mar firinn shuidhichte. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Gillian Keegan, gun robh an stiùireadh feumach air ùrachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil clann air an dìon bho susbaint neo-iomchaidh. Thèid an stiùireadh ùr a chur an gnìomh air a’ chiad latha den t-Sultain 2026.
Tha Coimiseanair airson Còraichean Daonna aig Comhairle na Roinn-Eòrpa, Michael O’Flaherty, air draghan nochdadh mun làimhseachadh den fheadhainn thar-ghnèitheach anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt e gu bheil tar-fhireannaich agus tar-bhoireannaich air a bhith air an cur dhan iomall, agus iad air a bhith air an cur fo mion-sgrùdadh poilitigeach agus poblach.
Tha britheamh air riaghladh gun do bhris Poilis Northumbria riaghailtean neo-phàirteachd nuair a thug iad pàirt ann an Northern Pride an-uiridh. Tha e a’ tighinn as dèidh do leasbach, Lindsey Smith, ath-sgrùdadh laghail iarraidh orra airson taic a nochdadh do “ideòlas-gnè” le bhith a’ caismeachd le bratach-pròise progress - bratach bogha-froise le dathan a bharrachd a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan tar-ghnèitheach, eadar-sheòrsach agus daoine LGBT+ de dhath. Ged a dh’aithnich am britheamh nach deach amharas a tharraing air neo-phàirteachd an fheachd air fad, thuirt e gun robh faireachdainn ann gun robh am feachd agus/no an Àrd-chonstabal air taic a nochdadh do “ideòlas gnè agus còraichean tar-ghnèitheach” o chionn ‘s gun robh na h-oifigearan a bha an làthair a’ caismeachd mar bhuidhean le deisean-poilis orra agus brataichean-pròise aca.
Tha buidheann riaghlaidh boghadaireachd na Rìoghachd Aonaichte, Archery GB, air casg a chur air tar-bhoireannaich bho fharpaisean bhoireannach ri linn co-dhùnadh na prìomh-chùirte air gnè. Ann an suidheachaidhean nuair nach eil gnè an neach-bogha soilleir, tha na riaghailtean ùra aca ag ràdh gum faod iad farpais, agus gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an tachartas leis na rèitearan. Tha iad ag ràdh gun faodar stad a chur air farpaisean ma tha deasbad ann, ach iad a’ moladh gun a bhith a’ dèanamh sin ach ann an suidheachaidhean far a bhios cuideigin ann an cunnart.
Chomharraich Achd Aithneachadh Gnè na h-Èireann 10 bliadhna air an 15mh den Iuchar, agus tha iomairtichean a’ cleachdadh an tachartais gus gairm airson ath-leasachadh air còraichean tar-ghnèitheach agus eadar-sheòrsach.
Tha buidheann-iomairt na Gender Rebels air ath-chuinge a chur gu Ministear Slàinte na h-Èireann, Jennifer Carroll MacNeil ag iarraidh orra cùram-slàinte tar-ghnèitheach ath-leasachadh agus buidheann-gnìomha stèidheachadh gus siostam ùra a co-dhealbhachadh còmhla ris a’ choimhearsnachd tar-ghnèitheach. Thuirt am buidheann gu bheil an siostam làithreach briste, le euslaintich a’ feitheamh còrr ‘s deich bliadhna airson cothrom fhaighinn air cùram-slàinte daingneachadh gnè. Thuirt iad cuideachd gu bheil neo-ghnìomhachd na stàite ag adhbharachadh cron agus dh’ainmich iad rannsachadh a rinn TENI (Lìonra Èireannach na Co-ionnannachd Tar-ghnèithich) ann an 2013 a sheall gun robh 84% de dhaoine tar-ghnèitheach nach eil air cùram-slàinte daingneachadh gnè fhaighinn fhathast beachdachadh air làmh a chur nam beathannan fhèin, an taca ri dìreach 4% de dhaoine a tha air cothrom fhaighinn air.
Bha còrr ’s 10,000 neach an-làthair aig Trans & Intersex Pride ann am Baile Àtha Cliath Disathairne agus tha eagraichean an fhèis air litir a chur gu grunn phàrtaidhean poileataigeach ag iarraidh orra an taic a chur ri còraichean tar-ghnèitheach agus eadar-sheòrsach.
Chaidh casaidean a chur às leth còignear deugairean gun tug iad ionnsaigh air tar-chaileag a bha air a suidheachadh ann an ionad glacas do bhalaich ann an Washington D.C. Dh’fhulang i peirceall briste agus bha aice ri dol a dh’ospadal airson cùram.
Tha Astràilia air na riaghailtean a-thaobh a bhith a’ toirt seachad fala a lùghdachadh. Fon na riaghailtean ùra, bidh fireannaich gèidh, fireannaich dà-sheòrsach agus tar-bhoireannaich uile comasach air fuil agus plasma a thoirt seachad cho fhad ’s nach eil iad air a bhith ri feise le cèile ùr, no iomadh chèile, anns na trì mìosan a dh’fhalbh. Bidh daoine a bhios a’ gabhail PrEP a-nis comasach air plasma a thoirt seachad, ach iad fhathast air an casg bho bhith a’ toirt seachad fala. Cuideachd tha fhathast casg air daoine air a bheil HIV, agus na cèilean aca, bho bhith a’ toirt seachad fala no plasma.
Tha Lìg Ball-coise Astràilia air casg ceithir geama a chur air an cluicheadair sgioba an West Coast Eagles, Jack Graham, as dèidh gun do chleachd e cànan homafòbach an-aghaidh cluicheadair na Giants rè gheama ann am Peairt air an 4mh latha den Iuchar. Leig Graham fhèin fios dhan AFL mu dheidhinn, agus rinn e leisgeul prìobhaideachd do chluicheadair na Giants agus do Cheann-suidhe an AFL. Bidh e cuideachd a’ frithealadh a’ chùrsa-trèanaidh Pride in Sport.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.