Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Tha Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte air iomraidhean air daoine dà-sheòrsach a chur à làrach-lìn Carragh-cuimhne Nàiseanta Stonewall. Tha e a’ tighinn as dèidh gun do chur iad às iomraidhean air daoine tar-ghnèitheach bhon làrach-lìn anns a’ Ghearran. Tha seann dreachan den làrach-lìn, a ghabhas fhaicinn ann an Wayback Machine an Internet Archive, a’ sealltainn gun deach an giorrachadh LGBTQ+ a chur às dhan làrach-lìn anns a’ Ghearran agus LGB a chur na’ àite, ach tha e air tighinn am follais gun deach ùrachadh a-rithist anns a’ Ghiblean gus “gay and lesbian” a chleachdadh an àite LGB. A dh’aindeoin na h-atharrachaidhean, tha dealbhan de daoine tar-ghnèitheach agus dà-sheòrsach, leithid Marsha P. Johnson agus Sylvia Rivera, fhathast a’ nochdadh air an làrach-lìn. Tha còrr is 47,000 neach air ath-chuinge an-aghaidh nan atharrachaidhean a shoidhnigeadh.
Tha cùirt anns an Ucràin air aithne oifigeil a thoirt do charaid aon-sheòrsach airson a’ chiad turas. Tha Zoryan Kis agus Tymur Levchuk air a bhith a’ fuireach còmhla o chionn 2013, agus phòs iad anns na Stàitean Aonaichte ann an 2023. Thug iad Ministreachd nan Dùthchannan Cèin gu cùirt ann an 2024 as dèidh gun do dhiùlt iad am pòsadh aithneachadh. Thuirt a’ chùirt o chionn ‘s gu bheil an Ucràin na soidhniche don ECHR (Cùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna), tha dleastanas aca air aithneachadh laghail agus dìon a thoirt do theaghlaichean aon-sheòrsach. Chaidh reachdas a dhèanadh companasan-catharra laghail a thoirt don phàrlamaid ann an 2023, ach tha adhartas air a bhith gu math slaodach ri linn a’ chogaidh an-aghaidh na Ruise.
Tha na Poilis ann an Washington D.C. a’ sireadh fhiosrachaidh mu mhurt tar-bhoireannaich dhuibh. Bha Dream Johnson, 28, air a losgadh le gunna iomadh turas, agus chaidh a lorg anns an t-sràid tràth madainn Disathairne. Chaidh a toirt a dh’ospadal, ach cha do mhair beò i. Tha na Poilis air ràdh nach eil fianais sam bith ann fhathast gur e eucoir-gràin a bh’ ann, ach thuirt a teaghlaich ri pàipear-naidheachd an Washington Blade gun robh iad air aithris fhaighinn bho neach-fianais gun deach triùir fireannaich na comhair i agus gun do dh’èigh iad ainm lùghdachail dhi mus deach a losgadh iomadh turas le fear dhiubh. Tha na Poilis a’ tabhann $25,000 airson fiosrachadh sam bith a bheireas am murtair gu ceartas.
Tha Comann Ball-coise Shasainn air ainmeachadh gum bi e riatanach do chluicheadairean tar-fhireannach ri aithris-àichidh a shoidhnigeadh nam biodh iad airson cluiche an ath sheusan. Feumaidh iad aontachadh gur e “boireannaich bith-eòlasach” a th’ annta agus gu bheil iad fo chunnart nas motha a’ cluich an-aghaidh fireannaich bith-eòlasach. Bidh e cuideachd riatanach gum bidh ìre de theisteostaron eadar 7.7 agus 29.4 nanomoles anns gach liotair de fhuil aca. Tha tar-bhoireannaich air a bhith air an casg bho bhith a’ cluich an-aghaidh boireannaich bith-eòlasach bho thoiseach an Ògmhios.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.