Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Tha am buidheann chòraichean bhoireannach, Sex Matters, air litir a chur do Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun toir iad an riaghaltas gu cùirt airson fàilligeadh a chur riaghladh na Prìomh Chùirte air gnè bith-eòlasach agus làraichean gnè shingilte an gnìomh. Tha am buidheann For Women Scotland cuideachd air ràdh mar-thà gun toir iad an riaghaltas gu lagh dàil a chur air làraichean gnè shingilte. Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gu bheil iad a’ gabhail ri riaghladh na Prìomh Chùirte ach gu bheil iad a’ feitheamh ri stiùireadh bhon EHRC (Coimisean na Co-ionnannachd agus Còraichean Daonna)
Tha rannsachadh a’ leantainn ann an Congleton as dèidh gun deach bratach-pròise a mhilleadh airson an t-seasamh uair anns na trì bliadhna mu dheireadh. ‘S e na thachair an turas mu dheireadh, gun deach am bratach a mhilleadh 13 An t-Ògmhios, chaidh bratach ùr a chur ‘na àite, ach chaidh an tè sin a ghoid an aon oidhche. Dh’iarr na Poilis air neach sam bith le fiosrachadh fòn a chur gu 101 agus àireamh na cùise IML 2110748 a thoirt seachad.
Tha Ospadal an Naomh Seumas ann am Baile Àtha Cliath air an leisgeul a thabhann do tar-bhoireannach airson leigheas èiginneach a dhiùltadh dhi an-uiridh. Chaidh Paige Behan fo obair-lannsa daingneachadh gnè anns a’ Ghearmailt, ach ghabh i galar as dèidh dhi tilleadh a Èirinn. Chaidh i a dh’Ospadal an Naomh Seumas ach dhiùlt trì roinnean an ospadail leigheas a thoirt dhi. Chaidh i an uair sin a dh’Ospadal Nàiseanta Mhàthrachais air Sràid Holles far an dh’fhuair i leigheas. Rinn i gearain reachdail ag ràdh gun do bhris Ospadal an Naomh Seumas laghan co-ionnannachd na h-Èireann. Dh’aontaich an ospadal coinneachadh ri TENI (Lìonra Co-ionnannachd Tar-ghnèitheach na h-Èireann) gus na draghan mun chùram-slàinte daingneachadh gnè a tha ri fhaighinn do dh’euslaintich tar-ghnèitheach a tha a’ tilleadh a Èirinn à thall thairis a dheasbad. Thuirt Paige nach e ach cìrean de thrioblaid siostamach anns an HSE (Seirbheis Slàinte na h-Èireann) a th’ ann, agus nach eil i a’ cur earbsa ann an comas na dùthcha a bhith a’ gabhail cùram air na saoranaich tar-ghnèitheach aice tuilleadh.
Tha na Poilis anns an Ungair air casg a chur air Pròis Bhudapest na bliadhna seo, ach tha am Mèar Gergely Karacsony ag ràdh gun tèid e air adhart co-dhiù no co-dheth. Tha e mì-laghail anns an Ungair co-sheòrsachd a bhrosnachadh do chlann, agus thuirt am Prìomhaire Viktor Orban anns a’ Ghearran nach biodh tachartas na bliadhna seo a’ dol air adhart. Anns a’ Mhàrt ghabh an riaghaltas aige ri lagh a leigeas ris na Poilis siostaman aithneachaidh-aodainn a chleachdadh gus freastalaichean aig tachartas sam bith a bhrosnaicheas co-sheòrsachd do chlann aithneachadh agus peanas-airgid eadar £14 agus £420 a chur orra. Tha fhathast dùil gum bi na deichean mhìltean a’ shiubhal a Budapest às an Ungair agus nas fhaide air falbh airson an tachartas air an 28mh latha den Ògmhios.
Tha carthannas an Trevor Project, a bhios a’ toirt comhairleachadh èiginneach do dh’òigridh LGDTCEN+ ann an cunnart làmh a chur nam beathannan fhèin, air ràdh gu bheil rianachd a’ Chinn-shuidhe Trump air dùnadh an loidhne-taice speisealaichte aca òrdachadh bhon 17mh latha den Iuchair. Thuirt neach-labhairt an Taighe-ghil “nach ann airson seirbheis còmhraidh far a bheil clann air am brosnachadh gabhail ri ideòlas gnè radaigeach le ‘luchd-comhairleachaidh’ gun chead am pàrantan a tha airgead an luchd-pàighidh cìse”. Tha an Trevor Project air litir fosgailte, a chaidh a shoidhnigeadh le Daniel Radcliffe, Pedro Pascal, Ariana Grande, Troye Sivan agus mòran a bharrachd, fhoillseachadh air an làrach-lìn aca ag iarraidh air an riaghaltas an loidhne-taice a shàbhaladh.
Tha Prìomh Chùirt nan Stàitean Aonaichte air bhòtadh 6-3 gus leigeil le Stàit Tennessee casg a chur air cùram-slàinte daingneachadh gnè do dh’euslaintich fo aois 18. Chaidh an cùis a thoirt gu lagh le buidhean de theaghlaichean aig a bheil clann tar-ghnèitheach. Thagair an neach-lagha aca gun robh an casg a’ briseadh laghan co-ionnannachd leis gu bheil e a’ cur casg air dotairean bho bhith a’ toirt casgan-inbhidheachd no teiripe ionadachadh bhrodagan do mhion-aoisich tar-ghnèitheach ach gum faod iad fhathast an toirt do mhion-aoisich cios-ghnèitheach. ’S e co-dhùnadh na Prìomh Chùirte ge-tà nach ann air mion-aoisich tar-ghnèitheach a tha an casg a-mach, ach mion-aoisich sam bith, gun umhail air an gnè aca, air a bheil neo-shàstachd gnè no mì-rian dearbh-aithne gnè agus tha an eadar-dhealachadh sin a’ ciallachadh nach eil e ri leth-bhreith. Tha dùil ann a-nis gun tèid an co-dhùnadh seo a chleachdadh mar ro-shampall airson cùisean-lagha mar seo ann an stàitean eile.
Chaidh fireannach 35 bliadhna a dh’aois a chur an greim ann an Siorrachd Marion, Florida as dèidh gun do mhaoidh e gun loisgeadh e air tachartas pròise aig Central Florida Fairgrounds Disathairne a chaidh. Chaidh Michael Wilcox a chur an greim Dihaoine as dèidh gun deach fios a leigeil dhan FBI gun robh e air an tachartas a mhaoidheadh ann am postaichean air Facebook agus Instagram le dealbh de chuideigin a’ luchdachadh gunna is an caipsean “Can’t expect God to do all the work”.
Chaidh fireannach 31 bliadhna a dh’aois a chur an greim Disathairne ann an Walton Manors, Florida as dèidh gun do dh’fheuch e a’ dol tro lorgaire-meatailte aig tachartas-pròise le gunna. Thathar ag aithris nach do stad Michael Monheit as dèidh dha an lorgaire-meatailte a chur dheth, agus gun do leig e seachad oifigearan a thuirt ris stad. Nuair a chaidh a chur an greim lorg na Poilis gunna-làimhe agus dà mhagazine 9mm luchdaichte air.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.