Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gun tèid Bile Riochdachadh nan Gnèithean air Bùird Phoblach atharrachadh as dèidh don Phrìomh Chùirt riaghladh air dè th’ ann am boireannach. Gu ruige seo, tha tar-bhoireannaich agus boireannaich cios-ghnèitheach air a bhith air an cunntadh ri chèile nuair a bhathar a’ coimhead air àireamhan riochdachaidh air bùird phoblach. Dhearbh an Riaghaltas cuideachd nach eil planaichean aca tuilleadh Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè ath-bheothachadh.
Chaidh faighneachd air Prìomh-mhinistear na h-Alba, John Swinney, iomadh turas nan robh e a’ creidsinn gur boireannaich a th’ anns an tar-bhoireannaich rè coinneamh naidheachd ann an Glaschu Diciadain. Nuair a chaidh ìmpidh air gum freagair e, thuirt e gu bheil e a’ gabhail ri co-dhùnadh na prìomh-chùirte.
Chaidh binn dà bhliadhna sa phrìosan air fireannach eucoirean feiseil air dithis bhalach ann an Inbhir Nis eadar 2012 agus 2014.
Bha Raibeart “Robbie” Paulin na choidse aig Highland Wildcats, sgioba ball-coise Aimeireaganach stèidhte ann an Inbhir Nis, nuair a stiùir e dithis bhalach fo 18 bliadhna a dh’aois ri bhith a’ dèanamh dealbhan is bhidiothan drùiseantach a dhèanamh.
Chuala a’ chùirt gun do thog Paulin dealbhan de bhod bhalaich, a bha 17 bliadhna a dh’aois, agus gun do chlàr e bhidio fhad ’s a bha am balach ri fèin-bhrodadh.
Chuala iad cuideachd gun do thog Paulin dealbhan de bhod bhalach eile, a bha 15 bliadhna a dh’aois, agus gun do dh’fheuch e ri bhidio den bhalach a chlàradh fhad ’s a bha e ri fèin-bhrodadh.
Tha an dithis a-nis anns nam ficheadan, ’s thuirt iad ris a’ chùirt gun tuirt Paulin dhaibh gum b’ ann airson stuth-teagaisg a bha na dealbhan ’s bhidiothan.
Bha Paulin air a dhol às àicheadh nan casaidean ’s e a’ cumail a-mach gu bheil na balaich diombach ris, ach fhuair an diùraidh ciontach e.
A bharrachd air binn prìosain, chaidh Paulin a chur air clàr nan drabastairean fad deich bliadhna.
Tha neach-lagha Albannach ag iarraidh leisgeul bhon a’ BhPA Uaineach, Maggie Chapman, as dèidh gun tuirt i gun robh co-dhùnadh na Prìomh Chùirte claon-bhreitheach agus làn gràin.
Bha Chapman a’ bruidhinn aig togail-fianais an aghaidh a’ cho-dhùnaidh ann an Obar Dheathain Disathairne nuair a thuirt i: “We say not in our name to the bigotry, prejudice and hatred that we see coming from the Supreme Court and from so many other institutions in our society.”
Dh’iarr Roddy Dunlop KC leisgeul “làn agus luath” oirre agus dh’fhaighnich e am bu chòir dhi leigeil dhith a dreuchd mar Leas-chathraiche Comataidh Co-ionnanachd Pàrlamaid na h-Alba
Chan eil Keir Starmer fhathast a’ creidsinn gur e boireannaich a th’ ann an tar-bhoireannaich.
Thuirt Starmer ri pàipear-naidheachd The Times anns a’ Mhàrt 2022: ‘’S e inbheach boireann a th’ ann am boireannach, agus a bharrachd air sin ‘s boireannaich a th’ ann an tar-bhoireannaich, agus chan e dìreach mo bheachd a tha sin - ‘s ann an lagh a tha sin a-cheana”.
Chaidh a fhaighneachd air Neach-labhairt a’ Phrìomhaire ma tha e fhathast a’ creidsinn sin às dèidh don Phrìomh Chùirt riaghladh air dè a th’ ann am boireannach, ‘s thuirt e: “Chan eil, tha co-dhùnadh na Prìomh-chùirte gu math soilleir a-thaobh Achd na Co-ionnannachd gur e boireannach bith-eòlasach a th’ ann am boireannach”.
A bharrachd air sin thuirt Starmer fhèin ri ITV West Country: “’S e inbheach boireann a th’ ann am boireannach, agus tha a’ chùirt air sin a dhèanamh gu tur soilleir.
Tha am Ministear airson Boireannaich agus Co-ionnannachd ann an Westminster, Bridget Phillipson, air ràdh ann an agallamh air BBC Radio 4 gum bu chòir do thar-bhoireannaich taighean-beaga a tha a’ co-fhreagairt ris an “gnè bith-eòlasach” aca a chleachdadh. Chur am preasantair, Anna Foster, ìmpidh air Phillipson an uair sin gun soilleirich i nan robh sin a’ ciallachadh gum bu chòir do thar-bhoireannaich taighean-beaga fireannach a’ chleachdadh nuair a tha iad a-muigh is a-mach, ach thuirt Phillipson gu bheil taighean-beaga uile-sheòrsach aig mòran gnìomhachasan san latha an-diugh.
Tha Network Rail air ràdh nach eil geàrdan-faire ag iarraidh air daoine na cairtean-aithneachaidh aca a shealltainn mus faigh iad a-steach gu na taighean-beaga aig Stèisean Waverley.
Bha aca ri aithris a dhèanamh as dèidh gun deach post a cho-roinneadh air nam meadhanan-sòisealta a leugh: “Warning. I attended the trans protest in Edinburgh today, before I joined the protest I needed to use the bathroom (like a normal person) I ended up going to the toilets at Waverley and noticed that the security were asking for ID…1. Why? 2. wtf? 3. I walked away because I’m not being asked for ID to f***ing pee”.
Thuirt neach-labhairt Network Rail ri pàipear-naidheachd an National “nach eil fìrinn sam bith anns an sgeulachd”.
Bidh buill na coimhearsnachd LGDTCEN+ a’ togail fianais ann an Inbhir Nis Disathairne an-aghaidh riaghladh na Prìomh Chùirte.
Cruinnichidh iad taobh a-muigh Talla a’ Bhaile aig 2f agus bidh fàilte air a h-uile neach a tha airson pàirt a ghabhail ann.
Tha britheamh air ràdh gun cur i òrdugh air sgoiltean-stàite ann an Alba gus taighean-beaga fa-leth a thabhann do nigheanan agus balaich stèidhte air gnè aig àm am breithe.
Tha e a’ tighinn as dèidh gun tug pàrantan Bun-sgoil Earlston gu lagh mu taighean-beaga uile-sheòrsach aig an sgoil agus as dèidh riaghladh na Prìomh Chùirte air dè th’ ann am boireannach.
A-rèir am P&J, tha taighean-beaga uile-sheòrsach aig Acadamaidh Alanais, Àrd-sgoil Inbhir Ùige, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus Acadamaidh Bhaile Theàrlaich agus Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a’ measadh buaidh an òrduigh orra.
Tha stiùiriche Maraton Lunnainn, Hugh Brasher, air ràdh nach tèid na riaghailtean aca atharrachadh ri linn co-dhùnadh na Prìomh Chùirte, agus gum faod tar-bhoireannaich fhathast clàradh airson ruith ann an rèis nam ban Didòmhnaich. Thuirt e gu bheil iad a’ feitheamh ri stiùireadh oifigeil bho Choimisean na Co-ionnanachd agus Chòraichean Daonna mus dèan iad co-dhùnadh air na riaghailtean airson rèisean san àm ri teachd.
Tha Prìomh Chùirt Mhississippi air riaghladh nach fhaod daoine tar-ghnèitheach fo 21 bliadhna a dh’ aois na h-ainmean aca atharrachadh air sgàth ’s nach eil iad sean gu leòr airson co-dhùnadh cho chudromach ri sin a dhèanamh. A dh’aindeoin sin, ge-tà, tha an stàit fhathast a leigeil le balaich 17 bliadhna a dh’aois is nigheanan cho òg ri 15 bliadhna a dh’aois pòsadh agus teaghlaichean a thòiseachadh (cho fhad ’s a tha cead phàrant aca).
Tha Àrd-neach-tagraidh Mhinnesota, Keith Ellison, air cùis-lagha a thogail an-aghaidh rianachd Dhòmhnaill Thrump airson casg a chur air tar-chaileagan bho bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs a tha a’ co-fhreagairt ris an dearbh-aithne gnè aca. Tha an cùis-lagha a’ tagairt gu bheil an òrdugh, a shoidhnig Trump air an 5mh latha den Ghearran, a’ briseadh Title IX agus Bun-reachd nan Stàitean Aonaichte. Thuirt Ellison aig coinneamh naidheachd Dimàirt gu bheil “Minnesota air a’ chùis-lagha seo a thogail gus stad a chur air Ceann-suidhe Trump bho bhith a’ burraidheachd clann so-leònta anns an stàit seo”.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.