Cuairt-litir #83

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Glasgow & Clyde Rape Crisis

Tha an t-ionad-taice Glasgow & Clyde Rape Crisis air dealachadh bhon bhuidheann charthannais Rape Crisis Scotland air sgàth aimhreit mu ghnè. Tha iad ag ràdh nach eil iad airson tar-bhoireannaich fhastadh, gu bheil iad airson seirbheis do dh’aon ghnè a tha air a ruith le boireannaich a-mhàin a thabhann agus gu bheil seo eu-coltach ris a’ bhuidhinn nàiseanta.

Ball-basgaid

Thèid a’ chiad gheama bhuill-bhasgaid LGDTCEN+ a-riamh ann an Èirinn a chumail Disathairne 9mh An t-Samhain. Bidh Shamrock Síoga agus Belfast Dykesketball a’ cluiche an-aghaidh a cheile 4f ann an Clontarf, Baile Atha Chliath ’s iad a’ togail airgead airson a’ charthannas TENI (Transgender Equality Network Ireland). Cosgaidh tiocaidean €5 agus bidh fàilte chridheil air a h-uile neach. Gheibhear barrachd fhiosrachaidh an-seo.

An Ruis

Tha na Poilis ann am Mosgo air còrr ‘s 50 neach an grèim an dèidh dhaibh dà bhar LGDECEN+ a rannsachadh 11 an Dàmhair.

Thathar ag aithris gun dh’fhuair iad gearanan mu thaisbeanaidhean draga agus gnìomhachd aon-sheòrsach a’ dol air adhart ann am follais a’ phobaill.

Ann an 2013 chur Riaghaltas na Ruise casg air “propaganda LGDTCEN+” do mhion-aoisich, agus chaidh an casg a mheudachadh gu daoine de gach aois ann an 2022.

Ann an 2023 thuirt Àrd-chùirt na Ruise gur e gluasad “eastramach” a th’ anns an “gluasad LGBT eadar-nàiseanta”.

Dòmhnall Trump

Tha Dòmhnall Trump air mì-fhios a sgaoileadh mu chlann tar-ghnèitheach a-rithist. Bha e a’ dèanamh òraid iomairt aig Knockout Barber anns a’ Bhronx Diardaoin ’s e a’ bruidhinn mu fhoghlam nuair a thuirt e: “Reading, writing and arithmetic. No transgender, no operations. You know, they take your kid. There are some places, your boy leaves for school, comes back a girl. Without parental consent. What’s that about?”

Carolina a Deas

Tha cùirt ann an Carolina a Deas air binn-bheatha a chur air Daqua Lameek Ritter airson murt tar-bhoireannaich anns an Lùnastal 2019. Chaidh Pebble LaDime Doe a losgadh le gunna trì tursan na ceann. Cha tug an diùraidh ach ceithir uairean gus Ritter fhaighinn ciontach nuair a nochd e air am beulaibh sa Ghearran.

Teagsas

Tha òrdanas ùr ann an Odessa, Teagsas a’ leigeil ri neach sam bith, seach oifigearan an riaghaltais, neach tar-ghnèitheach a thoirt gu cùirt ma chleachdas iad taigh-beag a tha a’ co-thaobhadh ris an gnè.

Tha an òrdanas ag ràdh gum bi aig an neach tar-ghnèitheach cosgaisean na cùirte agus an neach-lagha a phàigheadh agus airgead-dìolaidh £10,000 air a’ char as lugha a phàigheadh don neach-agairt.

A bharrachd air sin thèid am faighinn ciontach de Mhì-ghnìomh Ìre C agus thèid peanas-airgid $500 orra.

Tha daoine ciorramach a tha air an cuideachadh le neach de ghnè eile neo-bhuailteach don òrdanas.

Pagastàn

Tha na Poilis ann am Pagastàn air triùir fireannaich a chur an grèim fo chasaid gun do mhuirt iad dithis thar-bhoireannach.

Chaidh an luchd-fulaing ainmeachadh mar Salmanu agus Nazik, agus bha iad air an sàthadh gu bas Oidhche Dhòmhnaich anns an dachaigh aca ann am Mardan. Thathar ag aithris gun robh daoine tar-ghnèitheach eile san taigh aig an aon àm, ach gun robh iad am falach ann an taigh beag.

Chaidh an luchd-amharais a chur an grèim Diciadain ’s iad air na muirt aideachadh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.