Cuairt-litir #81

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Baile Àtha Cliath

Tha Cùirt Sgìreil Baile Àtha Chliath air binn 14 mìos sa phrìosan a chur air fireannach a thilg tàthag homafòbach air fireannach eile mus do bhreab e a chù.

Gay Project

Tha buidheann LGDTC+ an Gay Project air ionad-coimhearsnachd ùr a cheannach ann an Corcaigh.

Tha e feumach air beagan ath-nuadhachadh gus a dhèanamh cinnteach gu bheil e làn-ruigsinneach dha na h-uile, ach tha dùil gun solaraich e àite sònraichte don choimhearsnachd LGDTC+ airson cruinneachaidhean sòisealta, bùthan-obrach agus seirbheisean taice.

Scéalta ár Stampaí

Anns an t-sreath seo ionnsaigh sianar mu na h-ìomhaighean a tha rim faicinn air stampaichean na h-Èireann, nam measg tha an stampa suaicheanta “Bród”.

Faodar a choimhead air TG4 a-nis.

Poblachd nan Deideanach / An Ruis

Tha buidhean chòraichean daonna an SK SOS ann am Poblachd nan Deideanach air aithris gu bheil an Ruis a’ sparradh air prìosanaich ghèidh sabaid an uchd a’ bhlàir anns an Ucràin.

Thathar ag aithris gun deach sparradh air co-dhiù seachdnar fhear gèidh taghadh eadar “tairgsinn” a dhol gu uchd a’ bhlàir no èirig 1.5m rùbal (mu £10,000) a phàigheadh.

Oilthigh Wyoming

Chur sgioba ball-bholaidh nam ban aig Oilthigh Wyoming dheth geama an-aghaidh Oilthigh Stàit San José air sgàth ’s gu bheil cluicheadair tar-ghnèitheach air sgioba San José.

Bha iad gu bhith a’ cluich an-aghaidh a chèile 5 An Dàmhair, ach chaidh an geama a chur dheth 1 An Dàmhair.

Chaidh aithris gun do chur Riaghladair na Stàite, Cheri Steinmetz, agus eadar 15-20 luchd-lagha an ainmean ri litir fosgailte gu Ceann-suidhe an Oilthighe, Ed Seidel, agus Stiùiriche-spòrs, Tom Burman, a’ cur ìmpidh orra an geama a chur dheth.

’S e Oilthigh Wyoming an treasamh sgioba gus geama an-aghaidh San José a chur dheth.

Pennsylvania

Tha sgìre-sgoile ann am Pennsylvania air $8,700 a chosg gus uinneagan faire a stàladh ann an taighean-beaga gnè-neodrach aig Emory H. Markle Middle School ann an Hanover.

Cha deach uinneagan a stàladh ann an taighean-beaga do sgoilearan cios-ghnèitheach.

Leigidh na h-uinneagan air an fheadhainn a-muigh fhaicinn taobh a-staigh raon sinc nan taighean-beaga, gun a bhith a’ faicinn taobh a-staigh nan stàilichean fèin, agus mar sin tha Ceann-suidhe Bòrd na Sgìre-sgoile Matthew Gelazela air ràdh nach eil iad a’ briseadh a-steach air prìobhaideachd nan sgoilearan.

Tha Bòrd na Sgìre-sgoile cuideachd air ràdh nach fhaod luchd-teagaisg ach ainmean agus riochdairean laghail nan sgoilearan a chleachdadh.

Uganda

Tha Uganda air eadar $470m agus $1.6b a chaill bhon a chur i lagh an-aghaidh co-sheòrsachd an gnìomh anns a’ Chèitean 2023.

Sin a-rèir aithisg a tha Open for Business, buidheann de gnìomhachasan eadar-nàiseanta a bhios a’ brosnachadh ion-ghabhaltas, air fhoillseachadh.

Thuirt Banca na Cruinne goirid as dèidh sin gun cuireadh iad stad air iasadan ùra don dhùthaich, o chionn ’s gun robh an reachdas a’ dol an-aghaidh an luachan.

Tha Open for Business ag ràdh gu bheil an dùthaich air seilbheachd cèin, taic-airgead, agus airgead bho mhalairt agus turasachd a chiall cuideachd agus iad air measadh gun caill an dùthaich eadar $2.3 agus $8.3b thairis air còig bliadhna.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.