Cuairt-litir #78

Cuairt-litir #78

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

A’ Chairtbheil

Tha na Poilis anns a’ Chairtbheil air fireannach, 26 bliadhna a dh’aois, a chur an grèim fo chasaid muirt an dèidh mar a chaidh am modail tar-ghnèitheach, Kesaria Abramidze, 37, a shàthadh gu bàs aig an taigh Diciadain.

Thachair e aon latha an dèidh gun do ghabh buill-phàrlamaid ri lagh ùr a tha a’ cur cuingealachaidhean cruaidh air còraichean na coimhearsnachd LGDTCEN+.

Leigidh an lagh ùr le ùghdarrasan casg a chur air brataichean pròise ann an àiteachan poblach is tachartasan pròise, agus caisgireachd a dhèanamh air filmichean is leabhraichean. Tha e cuideachd a’ cur casg air obair-lannsa daingneachadh gnè.

Tha casg air daoine gèidh bho bhith a’ pòsadh no ag uchd-mhacachadh cloinne mar thà.

Wyoming

Tha Bòrd Cead-saoraidh Wyoming air diùltadh cead-saoraidh a thoirt do Russell Henderson a chaidh a dhìteadh de chasaidean muirt agus de dh’eucoirean gràin an dèidh gun do mhurt e agus Aaron McKinney an t-oileanach gèidh, Matthew Shepard, ann an 1998.

Tha murt Shepard fhathast aon de na eucoirean gràin as miosa ann an nua-eachdraidh nan Stàitean Aonaichte.

Chaidh a bhualadh agus a chreòtachadh mus deach a cheangal ri feansa agus a fhàgail a dhol gu bàs. Chaidh a lorg ann an còma an dèidh 18 uair a thìde agus chaidh aithris gun robh aodann làn còmhdaichte le fuil ach far an deach a ghlanadh leis a dheòir.

Chaidh a thoirt a dh’ospadal, ach bha cròn mòr air a dhèanamh air eanchainn agus bhàsaich e an dèidh sia latha air siostam taice-beatha. Bha e 21 bliadhna a dh’aois.

Dh’fheuch McKinney gu neo-shoirbheachail ris an “gay panic defense” a chleachdadh sa chùirt - ’s e sin nuair a bhios ciontaiche a’ cur coire air neach-fhulang gèidh le bhith ag ràdh gun do dh’fheuch an neach-fhulang ri ionnsaigh dhrabasta a thoirt orra.

Chaidh dà bhinn-bheatha leantach a chur air an dithis aca.

Chaidh an Matthew Shepard and James Byrd, Jr., Hate Crimes Prevention Act a chur an gnìomh ann an 2009 agus e a’ cur binnean nas làidire air an fheadhainn a tha air an dìteadh de dh’eucoirean gràin.

Minnesota

Chaidh binn 30 bliadhna sa phrìosan a chur air Damarean Kaylon Bible, 25 bliadhna a dh’aois, an dèidh mar a chaidh a dhìteadh den thar-bhoireannach Chùbach agus Thùsanach, Savannah Ryan Williams, a mhurt anns an t-Samhain 2023.

Chuala a’ chùirt gun do ghabh Bible amharas de Williams, 38, an dèidh dha obair-shèididh fhaighinn bhuaipe agus gun do loisg e le gunna na ceann i.

Carolina a Tuath

Thuirt Michele Morrow, a tha a’ seasamh airson a bhith na Stiùireadair Seirbheisean Foghlaim ann an Carolina a Tuath, an t-seachdain-sa gu bheil an soidhne “+” a tha a’ nochdadh ann an LGDTCEN+ a’ toirt a-steach spùinneadairean-cloinne.

Bha Morrow a’ toirt ionnsaigh air an neach-dùbhlain aice, Mo Green, agus an taic a fhuair e bhon bhuidheann Equality North Carolina nuair a sgrìobh i air na meadhanan sòisealta:

“Mo Green has stated that the Parental Bill of Rights ‘Does more harm than good’ and he states he is ‘proudly endorsed’ by Equality NC, whose mission statement is to promote LGBTQ+ power

NEWSFLASH…the ‘+’ includes PEDOPH*L*A!!

Mo Green will NOT keep our children safe!”

Kentucky

Shoidhnig an Riaghladair Andy Beshear àithne-ghnìomha Diciadain a chur casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh” ann an Kentucky.

Chleachd e na cumhachdan-gnìomha aige an dèidh don Phàrtaidh Phoblachdach bhòtadh an aghaidh caisg grunn thuras sna bliadhnaichean roimhe.

Tha teiripe iompachaidh a-nis mì-laghail ann an 23 stàitean Aimeireaganach.

Trans Library

Tha sgioba de cheathra teiripichean air goireas ùr a chur a bhog gus muinntir thar-ghnèitheach a chuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ri rudan a-leithid neo-shàstachd gnè, mì-ghnèitheachadh, droch-dhìol agus stiogma.

Faodar an Trans Library lorg am broinn na h-aplacaide, Voda, a ghabhas a stàladh bho seo.

Read more