Cuairt-litir #77

Cuairt-litir #77

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Malta

Chaidh lagh ùr a chur an gnìomh ann am Malta an t-seachdain-sa a tha a’ leigeil le Maltaich nas sìne na 16 bliadhna a dh’aois clàradh mar neo-bhìnearaidh air sgrìobhainnean oifigeil leithid teisteanasan-breithe agus pàipearan-aithne - thèid an gnè aca riochdachadh air na sgrìobhainnean leis an litir X.

Teagsas

Tha cùirt ann an Teagsas air binn sia bliadhna sa phrìosain a chur air Francisco Ricardo Sotello Baez, 23 bliadhna a dh’aois, as dèidh dha a mhac a dhòrnadh mu aodann iomadh turas.

Chuala a’ chùirt gun robh dragh air Baez gun robh a mhac, a tha dìreach 2 bhliadhna a dh’aois, gèidh o chionn ‘s gum biodh e a’ cluich le doilichean Barbie an àite robotairean, càraichean, agus bàlaichean-coise.

Chuala iad cuideachd gun robh e air ionnsaigh a thoirt air màthair a’ bhalaich roimhe, agus gun robh e air cùrsaichean fhrithealadh gus smachd fhaighinn air a fhearg.

Thuirt am britheamh, Stephanie Boyd, gun robh binn 6 bliadhna sa phrìosain iomchaidh air sgàth miosad na h-eucorach agus chur i casg air bho bhith ann an taic ris a’ bhalach, an ceathrar cloinne eile aige, no mion-aoisich sam bith eile.

Arizona

Tha cùirt ann Arizona air riaghladh ann am fàbhar dithis thar-chaileagan, 12 agus 16 bliadhna a dh’aois, a thug na sgoiltean aca gu lagh an dèidh gun deach innse dhaibh gum feumadh iad cluich air sgiobaidhean bhalach nam biodh iad airson pàirt a ghabhail ann an spòrs-sgoile.

Thuirt am Britheamh Morgan Christen nach eil buannachd a bharrachd aig tar-chaileagan nach eil air dol fo inbheachd fireannach air caileagan eile.

Pagastàn

Tha gnìomhachas ann an Lahore, Pagastàn air seirbheis tagsaidh do bhoireannaich is tar-bhoireannaich a-mhàin a chur air bhog.

Thuirt Ammaz Farooqi, Àrd-oifigear SheDrives, gur e prìomh amas a’ chompanaidh tar-bhoireannaich a dhìon bho leth-bhreith agus sàrachadh.

Read more