Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Tha buill an SNP air bhòtadh ann am fàbhar ghluasaid a dhèanamh e nas fhasa cothrom fhaighinn air cùram slàinte daingneachadh gnè.
Chaidh an gluasad a mholadh le làmh LGDTCEN+ a’ phàrtaidh, Out for Independence.
Dh’aithnich co-labhairt a’ phàrtaidh nach e tinneas-inntinn a th’ ann an neo-shàstachd gnè, agus gu bheil ùineachan feitheimh fada, gu bheil an riatanas air breithneachadh meadaigeach a’ cur mòr-dhragh air luchd tar-ghnèitheach, agus gum bu chòir don riatanas seo a bhith air a chur às.
Dh’aontaich iad cuideachd gum bu chòir do dhotairean agus luchd-obrach slàinte eile barrachd thrèanadh fhaighinn gus am bi iad nas comasaiche air taic a thoirt do na euslaintich tar-ghnèitheach aca.
Dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba Dimàirt gum biodh iad a’ gabhail ris na molaidhean a rinn an Dtr Hilary Cass anns an aithisg aice air cùram slàinte daingneachadh gnè ann an Sasainn.
Am measg nan rudan eile a mhol i, thuirt Dtr Cass nach chòir do dh’euslaintich òga cùram slàinte daingneachadh gnè fhaighinn anns an aon àite sa bhios inbhich agus mar thoradh air a shin, tha am Ministear airson Slàinte Poblach agus nam Boireannaich, Jenni Minto, a-nis air ainmeachadh nach biodh clionaig an Sandyford a’ toirt seachad cùram slàinte daingneachadh gnè do dh’euslaintich nas òige na 18 bliadhna a dh’aois tuilleadh agus gum biodh lìonra de sheirbheisean roinneil nas iomchaidhe.
Tha Oilthigh Ghlaschu a’ rannsachadh nam buaidhean a bhios cùram slàinte daingneachadh gnè a’ toirt air daoine òga agus thuirt Minto gu bheil dùil ann ri tòraidhean an rannsachaidh ro dheireadh na bliadhna.
Thuirt Pàrtaidh Uaine na h-Alba Diciadain gu bheil dragh orra nach bi Riaghaltas na h-Alba a’ dol air adhart le planaichean a chur casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”.
Tha e air tighinn as dèidh do Phrìomh-Mhinistear na h-Alba, John Swinney, ràdh gum biodh an riaghaltas aige a-nis a’ cur an taic do reachdas a bhios iomchaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte seach ann an Alba a-mhàin.
Thuirt an Rìgh Teàrlach san Iuchar gun chuireadh an riaghaltas ùr Làbarach ann an Westminster casg air “teiripe iompachaidh”, ach b’ e seo an treasamh turas o chionn 2018 gu bheil Òraid a’ Mhonairc air a’ chasg a ghealltainn.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.