Cuairt-litir #75

Cuairt-litir #75

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Murdo Fraser

Tha Murdo Fraser, a tha a’ seasamh airson ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, air ràdh nach eil e a’ toirt taic do phòsadh aon-sheòrsach.

Bha Fraser a’ bruidhinn ri phàipear-naidheachd an Daily Mail aig cur air bhog na h-iomairte aige nuair a thuirt e gur e Crìosdaidh a th’ ann, gu bheil beachd àraidh aige air dè bu chòir dha bhith ann am pòsadh, gun do bhòt e an aghaidh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail, agus nach eil am beachd sin air atharrachadh.

Ann an 2020, dh’iarr Fraser air Riaghaltas na h-Alba bacaidhean a chur air dotairean bho bhith a’ toirt seachad casgan inbhidheachd do dh’euslaintich òga agus ann an 2022, bhòt e an aghaidh ath-leasachaidhean aithneachadh gnè.

Trans Kids Deserve Better

Tha buidheann de dheugairean tar-ghnèitheach a’ togail fianais taobh a-muigh oifisean Roinn an Fhoghlaim ’s iad ag iarraidh foghlam sàbhailte is ion-ghabhalach agus còraichean thar-ghnèitheach.

Tha e air tighinn as dèidh do Rùnaire na Slàinte, Wes Streeting, an casg a th’ air doctairean bho bhith a’ toirt seachad casgan inbhidheachd do dh’euslaintich òga a leudachadh.

Chleachd Rùnaire na Slàinte a bh’ ann roimhe, Victoria Atkins, cumhachdan èigeannach gus an casg a chur an gnìomh air thoiseach air an Taghadh Coitcheann agus bha e gus ruith gu ruige an 3mh den t-Sultain.

San Iuchar, dhìrich dhithis bhuill a’ bhuidhinn leac taobh a-muigh prìomh-oifisean NHS Shasainn ’s iad a’ togail fianais an aghaidh a’ chaisg.

Togail-fianais ann am Beul Feirste

Chruinnich mu 100 neach ann am Beul Feirste oidhche Mhàirt airson fianais a thogail an aghaidh a’ chaisg a tha Riaghaltas Èirinn a Tuath a chur air dotairean bho bhith a’ toirt seachad casgan inbhidheachd do dh’euslaintich ùra nas òige na 18 bliadhna a dh’aois.

Chaidh an casg a chur an gnìomh ann an Èirinn a Tuath Dimàirt as dèidh gun do chleachd am Prìomh-mhinistear agus an Leas-Phrìomh-mhinistear na cumhachdan-gnìomha aca gus a shoidhnigeadh ‘na lagh gun a bhith a’ dol tron phàrlamaid.

Bha luchd-togail fianais air an cluinntinn ag èigheachd “when trans rights are under attack, stand up, fight back”.

Tha an Riaghaltas air seasamh airson a’ chasg. Thuirt an DUP, aig a bheil oifis an Leas-Prìomh-Mhinisteir, gur e co-dhùnadh ciallach a bh’ ann is gun deach a stèidheachadh air comhairle fhiosrachail bho luchd-meadaigeach.

Thuirt am Prìomh-Mhinistear, Michelle O’Neill, gu bheil a pàrtaidh, Sinn Féin, ag iarraidh gum faigheadh clann agus daoine òga tar-ghnèitheach an cùram slàinte as fheàrr.

Burraidheachd san àite-obrach

Tha suirbhidh a chaidh a dhèanamh le Number Cruncher Politics às leth an TUC a’ sealltainn gu bheil 52% de luchd-obrach LGDTCEN+ agus 79% de luchd-obrach tar-ghnèitheach anns an Rìoghachd Aonaichte air burraidheachd no sàrachadh fhulang san àite-obrach.

Sheall i cuideachd gu bheil 19% de luchd-obrach LGDTCEN+ air droch-bheul fhulang sa chòig bliadhna mu dheireadh; còrr is an ceathramh cuid air faclan a bha ri oillt cho-sheòrsach, oillt dhà-sheòrsach, no oillt thar-ghnèitheach a chluinntinn; agus 5% air fòirneart, bagairtean agus eaglachadh fhulang mar thoradh air an taobhadh-feise aca.

Thuirt an TUC ‘s beag an t-iongnadh gu bheil cha mhòr 30% de luchd-obrach LGDTCEN+ fhathast sa chlòsaid.

Ionnsaigh dhrabasta ann am Manchester

Tha na Poilis ann am Manchester air dealbhan CCTV a sgaoileadh as dèidh mar a tha ionnsaigh dhrabasta a thoirt air fireannach.

Thathar ag aithris gun do choinnich an neach-fhulaing, 21, ri fireannach eile mu 1.30m air an 14mh latha den Iuchar.

Chaidh e ann an laigse, agus dhùisg e ann an seòmar an taigh-òsta aige an ath mhadainn.

Thuirt na Poilis gu bheil dealbhan CCTV a’ sealltainn gun deach a choimheadachadh dhan t-seòmar le fireannach neo-aithnichte air an robh briogais dorcha, cochallag phinc, agus seacaid North Face dhubh is ghlas.

Dh’iarr na Poilis air neach sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur thuca air 0161 856 4259 is an àireamh 855 den 14mh latha den Iuchar 2024 a thoirt seachad.

Tar-bhoireannach Taidh-Bhànach air aithneachadh laghail a bhuannachadh

Tha cùirt ann an Taidh-Bhàn air riaghladh gum faod tar-bhoireannach na sgrìobhainnean aithne aice ùrachadh gun a bhith a’ dol fo obair-lannsa daingneachadh gnè.

Thathar ag aithris gur ise an còigeamh Taidh-Bhànach tar-ghnèitheach gus cùis-lagha mar seo a bhuannachadh am-bliadhna.

Cùirt Innseannach air riaghladh an-aghaidh co-ionnannachd pòsaidh

Tha Àrd-chùirt nan Innseachan air diùltadh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail.

Thuirt iad anns an riaghladh aca gu bheil e an urra ris a’ phàrlamaid no reachdadaireachdan stàite laghan co-cheangailte ri phòsadh a chur an-gnìomh, ach thuirt iad gu bheil còir co-ionnann agus saorsa aig daoine cuèir dol an sas ann an aonadh le chèile.

Read more