Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Chaidh an casg air casgan inbhidheachd a leudachadh gu Èireann a Tuath.
Thathar ag aithris gun do cleachd am Prìomh-mhinistear agus an Leas-Phrìomh-mhinistear na cumhachdan-gnìomha aca gus an casg a shoidhnigeadh ‘na lagh gun a bhith a’ dol tron phàrlamaid.
Thèid an casg a chur an gnìomh an Èireann a Tuath Dimàirt 27mh An Lùnastal.
Tha rannsachadh a rinn a’ bhuidheann neo-phrothaide, Index on Censorship, a’ sealltainn gu bheil còrr ‘s 50% de leabhar-lannan sgoile anns an Rìoghachd Aonaichte air iarrtasan fhaighinn ag iarraidh orra leabhraichean LGDTC+ a thoirt às na sgeilpeachan aca.
Thàinig an dàrna leth de dh’iarrtasan bho phàrantan agus thuirt 56% de leabhar-lannaichean gun do ghèill iad riutha.
Am-measg nan leabhraichean a chaidh an toirt às, bha This Book is Gay le Juno Dawson; Julián is a Mermaid le Jessica Love; ABC Pride le Louie Stowell; agus mòran a bharrachd.
Tha dithis dheugaire thar-ghnèitheach air cùis-lagha a thoirt an-aghaidh Stàit New Hampshire an dèidh dhaibh air a bhith air an casg bho bhith a’ cluiche ball-coise.
Fon lagh ris an canar “Fairness in Women’s Sports”, a chaidh a chur an gnìomh Didòmhnaich, chan fhaod tar-chaileagan is tar-bhoireannaich gabhail ann an sgiobaidhean sgoile no oilthighe.
Tha na caileagan a’ tagairt gu bheil an casg neo-bhun-reachdail agus gu bheil e a’ briseadh laghan fheadarail an-aghaidh leth-bhreith.
Tha Stàit na Teagsas air casg a chur air Teagsanaich thar-ghnèitheach bho bhith ag ùrachadh an gnè a nochdas air a’ chead-draibhidh aca.
Tha cùirt anns an t-Sìona air riaghladh gu bheil còir aig màthair leasbach air a nighean fhaicinn an dèidh dhaibh air a bhith air an cumail air leth fad ceithir bliadhna.
Phòs Didi agus a bean ann an 2016 agus dh’fhàs an dithis aca trom na bu anmoiche air a’ bhliadhna an dèidh dhaibh dol fo leigheas IVF. Chleachd iad uighean a mnà agus sìol-ghinidh bho thabhartaiche agus ann an 2017 rug Didi nighean agus rug a bean mac.
Dhealaich iad ann an 2019, agus o chionn ‘s nach eil dàimh ghinteil eadar Didi agus an dithis chloinne thug a bean leatha iad.
Tha cùirt a-nis air riaghladh gu bheil còir aig Didi air a nighinn fhaicinn o chionn ‘s gun tug i bhreith oirre. Thuirt iad ge-tà nach eil an aon chòir aice air a mac o chionn ‘s gun tug a bean breith airsan.
Tha an sgrìobhadair agus neach-iomairt, Sharif Rangnekar, air tagradh a chur a-steach gu Àrd-chùirt nan Innseachan mun chasg a th’ air fireannaich ghèidh, dhà-sheòrsach is thar-ghnèitheach bho bhith a’ toirt seachad fala.
Tha lagh na dùthcha a’ cur casg orra bho bhith a’ toirt seachad fala air sgàth ‘s air a’ chunnart nas motha gu bheil HIV/AIDS orra.
Tha an Àrd-chùirt air iarraidh air an riaghaltas freagairt a chur ri Mhgr Rangnekar.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.