Cuairt-litir #73
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Manuel Guerrero Aviña air tilleadh dhachaigh
Tha fear gèidh a chaidh a chur an grèim ann an Catar an dèidh dha air a bhith a ribeadh leis na Poilis air a bhith air a leigeil mu sgaoil is e air tilleadh dhachaigh dhan Rìoghachd Aonaichte.
Chaidh Manuel Guerrero Aviña gu ionad ann an Doha anns a’ Ghearran is e an dùil coinneachadh ri fireannaich ghèidh eile ris an robh e a’ bruidhinn air an aplacaid suirghe, Grindr.
Ach b’ e na Poilis a bha a’ conaltradh ris a-cheana, agus chaidh a chur an grèim fo chasaid gun robh drugaichean aige.
Thuirt Aviña, air a bheil HIV, gun deach a’ chungaidh-leighis aige a thoirt dheth fhad ‘s a bha e an grèim, agus gun deach a sparradh air sgrìobhainnean Arabais nach robh e a’ tuigsinn a shoidhnigeadh.
Thuirt e cuideachd gun deach a sparradh air aithne a thoirt air na fireannaich ghèidh eile a bha anns an fhòn aige.
Leabhraichean LGDTC+ gan casg ann an sgoiltean Iowa
Tha Cùirt Ath-Thagraidh nan Stàitean Aonaichte airson an Ochdamh Sgìre air riaghladh gum faod Iowa reachdas a chuireas casg air leabhraichean LGDTC+ ann an seòmraichean-teagaisg a chur an-gnìomh.
Fon bhile, SF 496, bidh aig tidsearan cead phàrant fhaighinn gus leabhar anns a bheil susbaint LGDCT+ a thoirt do phàiste.
Leabhar-lann sgoile air dùnadh
Tha leabhar-lann Àrd-sgoil Green Hill ann an Tennessee air dùnadh rè ùine gus na leabhraichean aca a sgrùdadh a dhèanamh cinnteach gu bheil iad uile iomchaidh do chlann.
Tha e air tighinn an dèidh gun deach lagh ùr a chur an gnìomh san Iuchar ag iarraidh air sgoiltean a dhèanamh cinnteach nach eil leabhraichean mì-iomchaidh anns na leabhar-lannan aca.
Tha an lagh ag ràdh gu bheil leabhraichean anns a bheil “nudity, or descriptions or depictions of sexual excitement, sexual conduct, excess violence, or sadomasochistic abuse” mì-iomchaidh do sgoilearan K-12 (5-18 bliadhna a dh’aois).
Tar-bhoireannach air a murt ann an Teagsas
Tha Iomairt nan Còraichean Daonna (HRC) ag aithris gun deach tar-bhoireannaich a murt ann an Denton, Teagsas Dimàirt 23 An t-Iuchar.
Thathar ag aithris gun deach Dylan Gurley, 20, fhaighinn gun mhothachadh is gun robh i air a sàthadh iomadh turas.
Chaidh a thoirt a dh’ospadal far an do bhàsaich i.
A-rèir an HRC, tha a-nis co-dhiù 23 neach tar-ghnèitheach air a bhith air am marbhadh anns na Stàitean Aonaichte bho thoiseach 2024.
Tar-bhoireannach air a murt ann an Nigeria
Chaidh corp neach-brìgh tar-ghnèitheach a lorg ri taobh mòr-rathad ann an Abuja, Nigeria Diardaoin.
B’ e TikToker mòr-chòrdte a bh’ ann an “Abuja Area Mama”, mar as fheàrr a dh’aithnichear i, a bhruidhinneadh mu a beatha mar thar-bhoireannach agus obraiche-feise.
Thathar ag aithris gun robh i air a phronnadh agus gu bheil an amharas ann gur e murt a bh’ ann.
Chaidh a mhì-ghnèitheachadh leis na Poilis a thuirt gun robh rannsachadh a’ leantainn an dèidh dhaibh “corp fireannaich air an robh aodach boireannach a lorg gun dòigh-aithneachaidh sam bith air“.
Casg air cluicheadair ball-stèidhe
Chaidh casg dà gheama a chur air a’ chluicheadair ball-stèidhe Jarren Duran an dèidh dha ana-cainnt homafòbach a thilgeil air neach-taice rè gheama eadar Boston Red Sox agus Houston Astros 11 An Lùnastal.
Dh’ainmich sgioba an Red Sox cuideachd gun tèid an tuarastal a bhiodh e air fhaighinn airson an dà gheama (mu $8,172) a thoirt don charthannas LGDTC+, PFLAG (Parents, Families, and Friends of Lesbians and Gays).