Cuairt-litir #72

Cuairt-litir #72

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Ùineachan feitheimh fada do dh’òigridh thar-ghnèitheach

Tha còrr ‘s 5,700 neach òg ann ann Sasainn agus anns a’ Chuimrigh a’ feitheamh ri cùram-slàinte daingneachadh gnè fhaighinn bhon NHS.

Sin a-rèir freagairt a fhuair a’ bhuidheann naidheachd PA Media do dh’iarrtas saorsa fiosrachaidh.

Tha am fiosrachadh cuideachd a’ sealltainn gum bi euslaintich nas òige na 18 a’ feitheamh 100 seachdain anns a’ chumantas airson coinneamh fhaighinn le dotair.

Thuirt NHS Shasainn Diciadain gu bheil iad ag amas air ùineachan feitheimh a ghearradh ro 2026 le bhith a’ fosgladh sia ionadan roinneil gus cùram-slàinte daingneachadh gnè a thoirt do dh’òigridh thar-ghnèitheach.

A’ Bhulgair

Tha Pàrlamaid na Bulgaire air bhòtadh airson lagh a chuireas casg air sgoiltean bho bhith a’ brosnachadh taobhaidhean feise neo-thradaiseanta agus dearbh-aithnean gnè seach an fheadhainn bith-eòlasach.

Bhòt 159 buill-phàrlamaid airson an reachdas, 22 buill-phàrlamaid na aghaidh agus cha do bhòt 12.

Baltimore

Tha rannsachadh a’ leantainn an dèidh gun deach tar-bhoireannach fhaighinn marbh ann am Baltimore madainn Didòmhnaich.

Chaidh corp Tai’Vion Lathan fhaighinn ann an caolraid faisg air a taigh is i air a bhith air an losgadh còig tursan.

Ohio

Tha britheamh ann an Ohio air riaghladh gu bheil an casg a chur an stàit air cùram-slàinte daingneachadh gnè do dh’òigridh laghail agus gum faodar a chur an-gnìomh.

Fon reachdas bidh e mì-laghail casgan-inbhidheachd, teiripe ionadachadh bhrodagan, no obair-lannsa daingneachadh gnè a thabhann do mhion-aoisich thar-ghnèitheach.

Virginia

Tha cùirt-sgìreachd ann an Virginia air riaghladh gum faod sgoilearan cios-ghnèitheach an sgoil aca a thoirt gu lagh mura h-eil iad airson taigh-beag no seòmar-locair a phàirteachadh ris na co-sgoilearan tar-ghnèitheach aca.

Tha an riaghladh air tighinn an dèidh gun do thog caileag Chaitligeach cùis-lagha an-aghaidh Sgìre-sgoile Fairfax airson na cràbhaidhean aice agus an còir a th’ aice mar bhoireannach air prìobhaideachd a bhriseadh.

Cathair Mheagsago

Tha reachdadairean ann an Cathair Mheagsago gabhail ri lagh a chuireas binn eadar 35 agus 70 bliadhna sa phrìosain air neach sam bith a mharbhas tar-bhoireannach.

Tha figearan bho Transgender Europe a’ sealltainn gun deach cha mhòr 600 tar-bhoireannach a mharbhadh ann am Meagsago eadar 2008 agus 2021, agus thathar ag aithris gu bheil co-dhiù deichnear thar-bhoireannaich air a bhith air am marbhadh ann an Cathair Mheagsago a-mhàin bho thoiseach 2024.

Read more