Cuairt-litir #71

Cuairt-litir #71

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Casgan inbhidheachd

Tha Àrd-chùirt na Rìoghachd Aonaichte air riaghladh gu bheil an reachdas èigeannach a chleachd Riaghaltas nan Tòraidheach a chur casg air casgan inbhidheachd laghail.

BMA air aithisg an Dtr Cass a chàineadh

Tha Comann Meadaigeach Bhreatainn (BMA) air an sgrùdadh a rinn an Dtr Hilary Cass air cùram-slàinte daingneachadh gnè a chàineadh.

Thuirt am BMA nach gabhadh aithisg an Dtr Cass a fhireannachadh, agus mhòl iad gun a bhith a’ cur na molaidhean aice an gnìomh.

Tha rùn iomlan na comataidh ag ràdh gum bu chòir dhan BhMA:

  • moladh don riaghaltas agus do bhuidhnean eile gun a bhith a’ cur molaidhean an Dtr Cass an gnìomh;
  • moladh don Riaghaltas agus do NHS gach dùthaich na Rìoghachd Aonaichte cumail a’ dol le bhith a’ tabhann cùram-slàinte daingneachadh gnè do dh’euslaintich nas sìne agus nas òige na 18 bliadhna a dh’aois;
  • nochdadh gu poblach gu bheil iad a’ toirt taic do dhaoine tar-ghnèitheach, agus gu h-àraid do dh’òigridh tar-ghnèitheach;

*agus, oillt thar-ghnèitheach ann am poileataigs a chàineadh.

Neapàl

Tha an cùirt as àirde ann an Neapàl air riaghladh gur e boireannach a th’ ann an tar-bhoireannach agus gum bu chòir dhi a bhith air a h-aithneachadh mar bhoireannach air na sgrìobhainnean laghail aice.

Tha an riaghladh air tighinn an dèidh don oileanach lagha Rukshana Kapali riaghaltas Neapàl a thoirt gu lagh còrr is 50 turas bho chionn 2021 gus aithneachadh laghail fhaighinn air a gnè.

Ged a tha riaghladh na h-Àrd-chùirte air ro-shampall a stèidheachadh, bidh fhathast aig a h-uile neach tar-ghnèitheach tagradh fa-leth a chur a-steach dhan a’ chùirt gus aithneachadh laghail fhaighinn air a’ ghnè acasan.

The 1975

Dh’fhaodadh gum bi aig còmhlan-ciùil an 1975 £1.9m a phàigheadh an dèidh gun do phòg an t-seinneadair Matt Healy fear eile fhad ‘s a bha iad a’ nochdadh air àrd-ùrlar ann an Kuala Lumpur san Iuchar 2023.

Tha eagraichean an fhèis Good Vibes air a’ chòmhlan a thoirt gu lagh an dèidh gun deach am fèis a chur dheth mar thoradh air a’ phòg.

Tha gnìomhan co-sheòrsachd mì-laghail ann am Malaidhsea agus dh’fhaodadh binn 20 bliadhna sa phrìosain a dhol air neach sam bith a bhios riutha.

Thuirt eagraichean an fhèis gun do chluich a’ chòmhlan-ciùil ann am Malaidhsea roimhe ann an 2016, gun robh iad eòlach air na riaghailtean agus gun deach an cuimhneachadh mu na riaghailtean air thoiseach air fèis na bliadhna an-uiridh.

Read more