Cuairt-litir #70
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Soho
Chaidh fireannach a chur an grèim fo Achd na Slàinte-inntinn an dèidh dha ionnsaigh a thoirt air fireannach eile ann an Lunnainn.
Bha Linus Karp agus a bhràmair a’ coiseachd ann an Soho oidhche Mhàirt nuair a bha e air a bhualadh mun a cheann.
Thuirt bràmair Kharp, Mgr Martin, gum faca e an neach-ionnsaigh a’ bualadh ann am fireannach eile agus a’ tilgeil smugaid air. Chur Martin an neach-ionnsaigh ris an làr agus chum e an grèim e gus an d’ràinig na Poilis.
Thuirt Poilis a’ Mhet gu bheil iad ga rannsachadh mar eucoir-gràin homafòbach.
Miami
Tha fireannach air dol às àicheadh gun do dh’fheuch e ri tar-chaileag a mhurt ann am Port-adhair Eadar-nàiseanta Mhiami 20 An t-Iuchar.
Bha an nighean, 17, a chaidh ainmeachadh mar D.J. leis a’ chùirt, na suidhe air an làr is i ag ithe biadh nuair a thug Alexander Love, 29, ionnsaigh oirre.
Chaidh a sàthadh 18 tursan le sgian-bhùidseir agus bha aice ri dol fo obair-lannsa èiginneach gus a beatha a shàbhaladh.
Thathar ag aithris gu bheil an dithis aca gun dachaigh agus gun robh iad a’ fuireach anns a’ phort-adhair, ach chan eil e cinnteach nan robh iad eòlach air a chèile ron ionnsaigh.
Thagair Love gun deach a dhrugachadh, gun do chur cudeigin rudeigin ann an toll a thòine agus gun robh e airson an goirteachadh.
Tha na Poilis air ràdh nach eil iad cinnteach fhathast nam b’ e eucoir-gràin a bh’ ann no nach b’ e.
Michigan
Chaidh Michigan an fhicheadamh stàit gus casg a chur air am modh-dìona laghail ris an canar “gay panic defense”.
‘S e gay panic denfense a th’ ann nuair dh’fheuchas neach-ionnsaigh ris a’ choire a chur air neach-fhulaing LGDTC+ le bhith a’ tagairt gun tug an neach-fhulaing ionnsaigh dhrabasta orra-san.
Chaidh an reachdas ùr a shoidhnigeadh ‘na lagh leis an Riaghladair Gretchen Whitmer Dimàirt 23 An t-Iuchar.
Nebraska
Bhòt buill Àrd-chùirt Nebraska 6-1 ann an fàbhar caisg air cùram-slàinte daingneachadh gnè agus casgaidhean-breith an dèidh dà sheachdain dheug.
Thàinig an riaghladh an dèidh gun tug an ACLU an t-Àrd-neach-tagraidh Michael Hilgers gu cùirt às leth a’ bhuidhinn Planned Parenthood of the Heartland a bha a’ tagairt gu robh am bile neo-bhun-reachdail.
Tha Bun-reachd Nebraska ag ràdh nach fhaod bilean dèiligeadh ri barrachd air aon chuspair agus thagair an ACLU gun robh am bile seo a’ dèiligeadh ri dà chuspair fa-leth; cùram-slàinte daingneachadh gnè agus casgaidhean-breith.
Riaghail an t-Àrd-chùirt, ge-tà, gur e modhan meadaigeach a th’ ann an cùram-slàinte daingneachadh gnè agus casgaidhean-breith agus gur e modhan meadaigeach cuspair a’ bhile.
Astràilia
Tha rannsachadh a’ leantainn an dèidh gun deach ionnsaigh a thoirt air dithis fhear gèidh ann an Canberra an dèidh dhaibh bhith air an tàladh gu àiteachan iomallach tron aplacaid suirghe Grindr.
Thathar ag aithris gun tug ceathrar ionnsaigh air a’ chiad fhear 16 An t-Iuchar agus gun tug seachdnar ionnsaigh air an dàrna fhear 20 An t-Iuchar.
Thuirt na Poilis gum bu chòir do chleachdaichean aplacaidean suirghe a leithid Grindr coinneachadh ri chèile ann an àiteachan poblach.
Gàna
Dhiùlt Àrd-chùirt Ghàna Diciadain cùis-lagha an-aghaidh lagh cholonaidheach a rinn feise cho-sheòrsach mì-laghail san dùthaich.
Bha an casg air a ion-chorpachadh ann an lagh na dùthcha nuair a fhuair i neo-eisimeileachd bho Bhreatainn ann an 1960 agus dh’fhaodadh binn 3 bliadhna sa phrìosain a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh fodha.
Thuirt am Britheamh Paul Baffoe-Bonnie gum foillsich a’ chùirt adhbharan a’ cho-dhùnaidh aca san àm a tha ri teachd.