Cuairt-litir #69

Cuairt-litir #69

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Murt ann an Lunnainn / Bristol

Tha fireannach air nochdadh aig Cùirt nam Maighstirean-Lagha ann an Wimbledon fo chasaid gun do mhurt e dithis fireannach gèidh.

Chaidh Yostin Andres Mosquera a chur an greim às dèidh mar a chaidh buill-bhodhaig a lorg ann am màileidean ann am Bristol agus ann am flat ann an Shepherd’s Bush.

Chaidh an dithis neach-fhulaing ainmeachadh mar Albert Alfonso, 62, agus Paul Longworth, 71.

Thathar ag aithris gu bheil Poilis a’ Mhet air na marbhaidhean a chlàradh mar eucoir gràin o chionn ‘s gun robh an dithis fhireannach nan seann bràmairean.

Tha Poilis a’ Mhet airson cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil fios mu na thachair. Faodar fios a chur thuca air 101 agus an àireamh 306/12Jul a thoirt seachad. No faodar fios gun ainm a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111.

Droch-bheul ann am Birmingham

Tha Poilis ann am Birmingham air dealbhan CCTV de chòignear fireannach a tha iad a’ sireadh às dèidh mar a chaidh droch-bheul homafòbach a thoirt air ball a’ phobaill taobh a-muigh Café Soya in the Arcadian Disathairne an 30mh den Mhàrt.

Bu chòir do neach sam bith a tha eòlach air na fireannaich fios a chur dhan Phoilis air 101 agus an àireamh 20/331067/24 a thoirt seachad. No faodar fios gun ainm a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111.

Teiripe Iompachaidh

Chaidh seisean ùr Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte fhosgladh Diciadain.

Thuirt an Rìgh Teàrlach gun chuireadh an riaghaltas ùr Làbarach aige casg air na cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”.

‘S e seo a-nis an treasamh turas o chionn 2018 gu bheil Òraid a’ Mhonairc air a’ chasg a ghealltainn.

Chaidh ainmeachadh airson a’ chiad turas ann an 2018 leis a’ Phrìomh Mhinistear Theresa May. Dh’fheuch Boris Johnson an casg atharrachadh gus nach biodh luchd tar-ghnèitheach air an dìon, ach bha aige ris an atharrachadh a thrèigsinn às dèidh gun deach a dhubh-chàineadh leis a’ phoball.

J.D. Vance

Tha Donald Trump air an Seanadair J.D. Vance a thaghadh gus seasamh airson dreuchd an Iar-Chinn-Suidhe.

Tha Vance air ràdh roimhe nach eil e airson co-ionnannachd pòsaidh a ghlèidheadh ann an lagh agus gum bhòt e an-aghaidh achd a bheireadh dìon do phòsaidhean aon-sheòrsach is ioma-chinnidheach.

Tha e cuideachd air iomradh a thoirt air dearbh-aithne gnè mar “ideòlas cronail” agus e air cànan ion-ghabhalach, a leithid am facal Tùsanach Aimeireaganach “dà-spioradach”, a chàineadh.

A bharrachd air sin tha e air reachdas a mholadh a chuireadh casg a bhith a’ toirt seachad cùram-slàinte daingneachadh gnè do dh’euslaintich nas òige na 18 bliadhna a dh’aois.

California

Tha e a-nis mì-laghail do sgoiltean ann an California innse do phàrantan ma tha oileanach airson eadar-ghluasad sòisealta a dhèanamh aig an sgoil.

Chaidh an lagh ùr a chur an gnìomh sa bhad an dèidh don Seanadair Gavin Newsom a shoidhnigeadh ‘na lagh Diluain.

Dh’ainmhich Elon Musk gu bheil an lagh seo agus laghan eile coltach ris a’ toirt ionnsaigh air teaghlaichean agus companaidhean agus mar sin gun gluais e prìomh-oifisean Twitter agus SpaceX à Chalifornia gu Teagsas.

Chaidh ainmeachadh Dimàirt gu bheil sgìre sgoile agus buidheann de phàrantan air cùis-lagha a thoirt an-aghaidh Newsom is iad a’ tagairt gu bheil an lagha ùr a’ briseadh na còraichean aca mar phàrantan.

Buirciona Faso

Tha Ministear a’ Cheartais, Eadasso Rodrigue Bayala, air ainmeachadh gun tèid feise cho-sheòrsach cho-aontachail a dhèanamh ‘na eucoir ann am Buirciona Faso.

Tha pòsadh aon-sheòrsach mì-laghail san dùthaich mar-thà.

Read more