Cuairt-litir #65

Cuairt-litir #65

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Murt Peter Coshan

Tha Àrd-chùirt Ghlaschu air binn prìosain 22 bliadhna air a char as lugha a chur air fireannach a mhurt seann thidsear an dèidh coinneachadh ris tron aplacaid suirghe Grindr.

Chaidh Peter Coshan, 75, a mhurt le Paul McNaughton, 29, ann am flat ann an Leith san Dàmhair 2022.

Bha McNaughton air na deichead mhìltean nòt a ghoid bho Coshan bho thachair iad le chèile ann an 2021.

Chaidh McNaughton a chuideachadh leis a charaid-àrais, Paul Black, 65, gus corp Coshan a chur am falach, a chur ann am màileid agus fhàgail ri taobh balla ann an camas-rathaid ann an Northumberland.

Chaidh binn prìosain 5 bliadhna gu leth air a’ char as lugha air Black airson fiaradh a chur air cùrsa a’ cheartais.

Pròis Dhùn Dhè

Nochd fireannach aig Cùirt an t-Siorraim ann an Dùn Dè Diardaoin ann an co-cheangal ri eucoir gràin aig Pròis Dhùn Dhè Disathairne seo chaidh.

Ged nach deach aithris a dhèanamh dhaibh, thuirt Poileas Alba gun deach Darren Howey, 28, a chur an grèim an dèidh dhaibh dealbhan bhideo fhaicinn air na meadhanan sòisealta.

Faodar Howey a chluinntinn anns a’ bhideo, a chaidh a chlàradh leis fèin, is e ag èigheach “f***ing gay clown” agus “f*** you, you f***ing fa***t b*****d” air na daoine a tha an làthair aig an tachartas.

Thathar ag aithris gun deach Howey a dhìteadh roimhe airson eucoirean co-cheangailte ri drugaichean is gràin-cinnidh.

Thèid binn air san Lùnastal.

Blackburn

Tha na Poilis ann an Lancashire air ochdnar a chur ann grèim ann an co-cheangal ri ionnsaigh homafòbach air dithis taobh a-muigh stèisean trèana ann am Blackburn tràth madainn Dimàirt.

Bha an dithis air an goirteachadh mu na h-aodainnean.

Tha na Poilis air ràdh gu bheil iad fhathast ga rannsachadh agus iad airson cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair.

Pròis Kyiv

Bha còrr ‘s 500 neach an làthair aig tachartas pròise ann an Kyiv Didòmhnaich seo chaidh.

B’ e seo a’ chiad tachartas pròise a chaidh a chumail sa bhaile bho thug an Ruis làn ionnsaigh air an Ucràin ann an 2022.

Club Q

Tha Cùirt Sgìreil nan Stàitean Aonaichte air Anderson Lee Aldrich a dhìteadh de 74 cùisean de dh’eucoirean gràin agus 55 binnean-bheatha is 190 bliadhna a bharrachd sa phrìosan a chur air.

Bhàsaich còignear agus bha 19 neach eile air an goirteachadh nuair a thug Aldrich ionnsaigh air a’ chlub-oidhche LGDTC+, Club Q ann an Colorado Springs san t-Samhain, 2022.

Pròis Bhaltimore

Tha na Poilis air dearbhadh gur e mace a chaidh a leigeil a-mach san adhar aig tachartas pròise ann am Baltimore Disathairne a chaidh.

Mar a chaidh aithris roimhe bha grunn neach air an goirteachadh fhad ‘s a bha iad a’ teicheadh às a’ chaismeachd phròise an dèidh gun deach “stuth ceimigeach” a leigeil a-mach san adhar.

Tha na Poilis cuideachd air dearbhadh a-nis gun deach am mace a leigeil a-mach an dèidh argamaid eadar dà bhuidhean a bha an làthair aig an tachartas, agus nach e ionnsaigh a dh’aona ghnothaich air a’ chaismeachd a bh’ ann.

Stonewall

Tha na Poilis ann an Nuadh Eabhrac a’ rannsachadh an dèidh gun deach dà leth a dhèanamh air còrr ‘s 150 bratach-pròise a bha air an taisbeanadh taobh a-muigh Carragh-cuimhne Nàiseanta an Stonewall Inn.

‘S e seo an dàrna bliadhna an sreath a chèile gun deach an taisbeanadh a mhilleadh.

Tatù homafòbach

Tha lìg rugbaidh ann an Cronulla, New South Wales air air ràbhadh oifigeil a thoirt don chluicheadair, Joshua Taylor-Miles, air sgàth ‘s gu bheil tatù a leughas “eat sh*t f****t” air a shliasaid.

A bharrachd air sin tha tatù air a shliasaid eile a leughas “snort lines and f***”.

Chaidh aithris a dhèanamh dhan lìg an dèidh do luchd-leantainn na tatùthan fhaicinn ann an dealbhan a chaidh a cho-roinneadh air na meadhanan sòisealta aca.

Thathar ag aithris gun deach innse do Taylor-Miles ha na tatùthan a chur am falach nuair a bhios e a’ cluich air no gun rachadh casg a chur air bho bhith a’ cluich san NSWRL (New South Wales Rugby League).

Dùthaich nan Tàidh

Tha Seanadh Dùthaich nan Tàidh air ghabhail ri bile a nithear pòsadh co-sheòrsach laghail san dùthaich.

Bhòt 130 buill air a shon, 18 na aghaidh agus cha do bhòt ceathrar.

Thèid am bile a-nis air adhart dhan Rìgh Maha Vajiralongkorn airson soidhnigeadh ‘na lagh.

Naimibia

Tha Àrd-chùirt Naimibia air riaghladh gu bheil lagh a rinn feise co-sheòrsach mì-laghail neo-bhun-reachdail o chionn s gun robh e stèidhichte air claon-bhreith agus claonaidhean sòisealtasach.

Read more