Cuairt-litir #64

Cuairt-litir #64

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Lynn Conway

Tha luaidh ga dhèanamh air Lynn Conway a th’ air bàsachadh aig aois 86.

B’ e eòlaiche coimpiutaireachd, einnseanair-dealain agus gnìomhaiche airson còraichean tar-ghnèitheach a bh’ innte.

Dh’obraich i aig IBM anns na 1960an, ach chaidh a chur às a dreuchd ann an 1968 nuair a dh’ainmich i gun robh i tar-ghnèitheach agus gun robh i airson eadar-ghluasad a dhèanamh.

Rinn i an uair sin eadar-ghluasad ann an uaigneas, mus do thoisich i ag obair aig Xerox PARC ann an 1973.

Bha an obair a rinn i aig IBM agus Xerox PARC air leth chudromach ann a bhith a’ dèanamh e nas fhasa meanbh-sgealban (microchips) a dhealbhadh agus a shaothrachadh.

Ann an 1985 chaidh i na ollamh ann an einnseanaireachd-dealain agus saidheans-compiutaireachd aig Oilthigh Mhichigan gus an do leig i dheth a dreuchd ann an 1998.

Thàinig i a-mach mar thar-ghnèitheach ann an 1999/2000 agus thoisich i a’ sgrìobhadh mu a beatha air an làrach-lìn aice. Cuideachd chleachd i an làrach-lìn aice gus naidheachdan agus goireasan a cho-roinneadh le luchd tar-ghnèitheach eile.

Rinn IBM leisgeul oifigeil dhi ann an 2020, agus dh’aidich iad gun robh an obair aice air leth chudromach dhan t-soirbheas aca.

Gnè

Tha cunntas-bheachd YouGov a’ sealltainn gu bheil an dàrna leth de mhuinntir Bhreatainn airson Achd na Co-ionnannachd atharrachadh gus am biodh gnè air a mhìneachadh mar ghnè bhith-eòlasach.

Thuirt 23% de dh’fhreagraiche gu bheil iad na aghaidh, agus thuirt 27% gu bheil iad eadar an dà bharail.

Sheall na toraidhean sgaradh mòr eadar na buidhnean-aoise ge-tà: tha 63% de dhaoine nas sìne na 65+ airson an atharrachadh is 12% na aghaidh, ach chan eil ach 31% de dhaoine eadar 18 & 24 bliadhna a dh’aois air a shon is 43% dhiubh na aghaidh.

Tachartas pròise Shifnal

Chaidh ainmeachadh gun tèid a’ chiad tachartas pròise a-riamh ann an Shifnal a chumail ann an Eaglais Naoimh Anndra.

Thuirt eagraiche an tachartais gu bheil e airson ‘s gum bi daoine LGDTC+ a’ faireachdainn gu bheil an eaglais a’ cur fàilte orra agus gu bheil e airson seann chnapan-starra is gnàth-ìomhaighean a bhriseadh sìos.

Thèid an tachartas a chumail Didòmhnaich 23mh den Ògmhios aig 6f.

Weston-super-Mare

Tha na Poilis ann an Weston-super-Mare a’ rannsachadh eucoir-gràin an dèidh gun deach bratach pròise a bha taobh a-muigh oifisean comhairle a’ bhaile a thoirt sìos agus a chur ‘na theine.

Thuirt iad gun do thachair e eadar 5f Oidhche Chiadain agus 7:30m Diardaoin.

Chaidh bratach pròise ùr a chur an àrd ‘na àite.

Eaglais Meathodach na h-Èireann

Tha Eaglais Meathodach na h-Èireann air leisgeul a dhèanamh airson fàilligeadh taic a thoirt do bhuill a’ choimhearsnachd LGDTC+ is na teaghlaichean aca agus iad air oillt cho-sheòrsach de gach seòrsa a chàineadh.

Tha iad cuideachd air ràdh ge-tà gur e aonadh eadar fear agus bean a th’ ann am pòsadh agus nach lean iad an Eaglais Meathodach ann am Breatainn le bhith a’ ceadachadh pòsadh aon-sheòrsach.

Dublin Gay Men’s Choir

Tha Eaglais Chaitligeach Naoimh Anndra ann am Baile Àtha Cliath air cuirm-chiùil le Dublin Gay Men’s Chorus a chur dheth is iad air ràdh gu bheil an tachartas a’ dol an agaidh misean na h-Eaglais Caitligiche.

Chaidh an tachartas ainmeachadh sa Ghiblean agus bha dùil gun tèid air adhart e 23mh den Ògmhios.

Thuirt a’ chòisir gu bheil leth-iongnadh orra, gu h-àraid air sgàth ‘s gun do chùm còisir LGDTC+ eile cuirm-chiùil san aon eaglais an-uiridh.

Pròis Bhaltimore

Chaidh grunn neach a ghoirteachadh ann am Baltimore an-dè fhad ‘s a bha iad a’ teicheadh às a’ chaismeachd phròise an dèidh gun deach “stuth ceimigeach” a leigeil a-mach san adhar.

Dhearbh na Poilis gu bheil iad ga rannsachadh, ach nach eil fianais sam bith ann aig an àm seo gur e ionnsaigh a dh’aona ghnothaich air a’ chaismeachd a bh’ ann.

Florida

Tha Cùirt Sgìreil nan Stàitean Aonaichte air casg seasmhach a chur air reachdas Florida a rinn e mì-laghail cùram slàinte daingneachadh gnè a thoirt seachad do luchd tar-ghnèitheach.

Riagail a’ chùirt gun robh an reachdas neo-bhun-reachdail agus e a’ dèanamh leth-bhreith air luchd tar-ghnèitheach.

Ann an riaghladh sgrìobhte, thuirt am Britheamh Robert Hinkle: “Transgender opponents are of course free to hold their beliefs. But they are not free to discriminate against transgender individuals just for being transgender.”

Lean e, “In time, discrimination against transgender individuals will diminish, just as racism and misogyny have diminished. To paraphrase a civil-rights advocate from an earlier time, the arc of the moral universe is long, but it bends toward justice.”

Tha rianachd Riaghladair Ron DeSantis air ràdh ge-tà gun dèan iad ath-thagradh an aghaidh an riaghladh.

Oregon

Tha na Poilis ann an Oregon air mion-aoiseach a chur a grèim fo chasaid gun do chur iad gunna BB ri uinneag an leabhar-lann ionadail air sgàth ‘s gun robh brathach-pròise innte.

Read more