Cuairt-litir #63
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Achd na Co-ionnanachd
Tha na Tòraidhean air ràdh gun atharraich iad Achd na Co-Ionnanachd ma bhuannaicheas iad an taghadh coitcheann an ath mhìos.
Thuirt iad gu bheil iad airson dìon laghail a chur air a’ ghnè bhoireann is a dhèanamh nas fhasa do bhuidhnean stad a chur air tar-bhoireannaich bho bhith a’ cleachdadh ghoireasan bhoireannach a leithid taighean-beaga, seòmraichean-locair agus àitichean-dìon.
Tha iad cuideachd air ràdh gun cùm Westminster smachd air gnothaichean co-cheangailte ri gnè agus co-ionnanachd seach na Riaghaltasan tiomnaichte ann an Alba, anns a’ Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath.
Chan eil e soilleir ciamar a chuireadh am poileasaidh an gnìomh gu pragtaigeach - cha robh freagairt aig Kemi Badenoch nuair dh’iarr am preasantair BBC Radio 4, Mishal Husain, oirre grunn thursan Diluain nam biodh teisteanas breith thùsail riatanach gus cothrom fhaighinn air goireasan boireannach.
Chan eil e soilleir nas motha nam biodh na h-atharrachaidhean a’ toirmeasg tar-fhireannaich bho bhith a’ cleachdadh ghoireasan fhireannach.
Waterstones
Tha India Willoughby air Watersones a dhubh-chàineadh airson leabhhar de dh’aistean ghnè-chriotaigeach a bhrosnachadh aon latha an dèidh dhaibh Mìos na Pròise a chomharrachadh.
Cho-roinn Waterstones post Disathairne gus Mìos na Pròise a chomharrachadh anns a bhrosnaich cruinneachadh de leabhraichean le ùghdarran LGDTC+ - nam measg bha Pageboy leis an cleasaiche thar-ghnèitheach, Elliot Page; Transitional le Munroe Bergdorf; agus Who’s Afraid of Gender? le Judith Butler.
Ach, cho-roinn iad an uair sin liosta de leabhraichean ùra Didòmhnaich a thug a-steach The Women Who Wouldn’t Wheesht - cruinneachadh de dh’aistean le iomairtichean gnè-chriotaigeach a leithid JK Rowling agus Joanna Cherry.
Mermaids Èireann a Tuath
Tha an carthannas Mermaids air ionad ùr fhosgladh ann am Beul Feirste gus àite sàbhailte a chruthachadh do dh’òigridh thar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh agus na teaghlaichean aca.
Colorado
Tha Pàrtaidh Poblachdach Cholorado air post-d a chur a-mach dhan bhuill aca anns an tug iad iomradh air daoine LGDTC+ mar “godless groomers”, “evil” agus “woke creeps” a tha airson cron a dhèanamh air clann.
An lùib a’ phuist-d (a ghabhas a leughadh gu h-ìosal), tha bhideo air a bheil “God Hates Flags”, a chaidh a thogail bho searmon a rinn An t-Aoghaire Mark Driscoll an aghaidh daoine LGDTC+.
The month of June has arrived and, once again, the godless groomers in our society want to attack what is decent, holy, and righteous so they can ultimately harm our children.
Above is a great sermon from Pastor Mark Driscoll titled: Black and White in a Rainbow World.
(Warning: Don't watch if you are easily triggered, or intolerant of the Gospel of Jesus Christ like Kyle Clark from 9 News.)
Here's a short excerpt from the sermon to consider:"Progressivism is a demonic lie. God doesn't need to improve his message because he got it right the first time. Unlike those of us who think that there needs to be progress, there doesn't need to be progress, there needs to be obedience to perfection... and that is the Word of God."
Throughout June we will share more sermons from Pastor Driscoll and encourage all to listen to his messages and resist the evil that is trying to indoctrinate children, undermine parents, and harm families.
Thank you, and as we said last year, together, we can protect our children and future… but only if you get involved and defend the most vulnerable in our society from these woke creeps.
For our children,
Dave Williams
Chairman, Colorado Republicans
P.S. Feel free to read our email from last year below and, remember... God hate Pride.
A bharrachd air sin tha iad cuideachd air post a cho-roinneadh air na meadhanan sòisealta aca anns a bheil iad a’ gairm air an luchd-leantainn aca brataichean pròise a losgadh.
Minnesota
Tha na Poilis ann am Minnetonka, Minnesota a rannsachadh eucoir-gràin an dèidh gun tug àrd-sgoilear ionnsaigh air oileanach tar-ghnèitheach ann an taigh-beag.
Bha Cobalt Sovereign, 17, anns an taigh-beag fireannach nuair a thug balach dòrn mun aodann dhi. Chiall i cùl-fhiacaill agus chaidh a peirceall a bhriseadh ann an dà àite.
‘S e tar-chaileag a th’ ann an Sovereign, ach thuirt i gun do chleachd i an taigh-beag fireannach air sgàth ‘s gum b’ fheàrr leatha faireachdainn mì-chomhfhurtail an àite a bhith a’ dèanamh daoine eile mì-chomhfhurtail le bhith a’ cleachdadh na taighe-bhig bhoireannaich.
Missouri
Tha cùirt ann am Missouri air riaghladh gum feum Sgìre Sgoile Blue Springs $4m a phàigheadh do dh’oileanach tar-ghnèitheach an dèidh dhaibh casg a chur air bho bhith a’ cleachdadh an t-seòmair-locair fhireannach.
Texas
Tha ceathrar dheugaire an grèim ann an Killeen, Texas fo chasaid gun do chleachd iad an aplacaid suirghe Grindr gus fireannach a dhochainn agus a robaigeadh ri aghaidh gunna.
Chaidh Dusty Andrew Bailey Jr., 17, agus an triùir eile, nach gabh ainmeachadh air sgàth ‘s gu bheil iad 16, 16 agus 15 bliadhna a dh’aois, a chur an grèim an dèidh gun do tharraing am fulangaiche aire oifigeir-phoilis a bha a’ dràibheadh seachad orra.
Coirèa a Deas
Nochd na deicheadan mhìltean airson caismeachd pròise ann an Seoul Distathairne ged nach dh’fhuair an caismeachd cead a dhol air adhart.
Thathar a’ measadh gun robh mu 150,000 neach an làthair aig an tachartas a chaidh a dhiùltadh le ùghdarrasan a’ bhaile airson an dàrna bhliadhna.
Duolingo
Tha Duolingo air susbaint LGDTC+ a thoirt às an aplacaid anns an Ruis.
Tha e a’ tighinn as dèidh gun do dh’iarr riaghlaiche an eadar-lìn, Roskomnadzor, orra sgrùdadh a dhèanamh air an t-susbaint gus susbaint ris an canar “propaganda LGDT” a thoirt às.
Dh’fhaodadh gun tèid peanas-airgid suas ri 4 millean rùbal (mu £35,000) air companaidh sam bith a bhrosnaicheas “propaganda” LGDTC+ san dùthaich.
Thuirt neach-labhairt Duolingo gu bheil iad a’ cur taic ri chòraichean LGDTC+, ach gu bheil lagh na Ruise gan casg bho shusbaint àraidh a ghabhail a-steach.
L’App
Tha an iomairtiche gnè-chriotaigeach Jenny Watson air innse do phàipear-naidheachd am Mail on Sunday gun cleachd L’App, an aplacaid suirghe leasbach aice, teicneòlas aithneachaidh-aodainn gus casg a chur air tar-bhoireannaich bho bhith a’ clàradh cunntasan.
Thuirt i gu bheil “leasbaich feumach air aplacaid as urrainn dhaibh a chleachdadh gun a bhith a’ faighinn teachdaireachdan bho fhireannaich a tha ag aithneachadh mar thar-ghnèitheach”.
Queer Running Club
Tha Queer Running Club, air maoineachadh luach £5,000 fhaighinn bho Phride in London.
Thuirt an cluba-ruith gu bheil iad airson na duilgheadasan a tha ro lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh a shoillseachadh agus gun cleachd iad am maoineachadh gus rèisean 5 cilemeatair agus 10 cileameatair a chur air dòigh an ath mhìos ann an Hackney.