Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Chaidh binn phrìosain 22 bliadhna aig a’ char as giorra air Scarlett Jenkinson, 16, agus 20 bliadhna aig a’ char as giorra air Eddie Ratcliffe, 16, airson Brianna Ghey, 16 a mharbhadh ann an Warrington sa Ghearran 2023.
O chionn ‘s gu bheil an dithis aca fhathast nam mion-aoisich, bha casg air an ainmeachadh fhad ‘s a bha a’ chùis-lagha ann, ach cho-dhùin am britheamh an casg a thogail air thoiseach air binn a chur orra an-diugh air sgàth nàdar “sònraichte” na cùise.
Riaghail Àrd-chùirt Shasainn is na Cuimrigh Diluain gun do chur Laurence Fox, stèidheadair a’ phàrtaidh phoileataigich Reclaim, droch-alladh air seann urrasair Stonewall, Simon Blake, agus an cleasaiche draga, Crystal nuair a thuirt e gur e spùinneadairean-cloinne a bh’ annta rè argamaid air an lìonra sòisealta X (Twitter) san Dàmhair 2020.
Dh’fheuch Fox an dithis acasan a thoirt gu cùirt an dèidh dhaibh ràdh gur e neach gràin-chinnidh a’ bh’ ann airson ràdh gum biodh e a’ seachnadh Sainsbury’s o chionn ‘s gun robh a’ mhòr-bhùth a’ comharrachadh Mìos Eachdraidh nan Daoine Dubha ach cho-dhùin am britheamh nach toireadh na tùeitean air an robh Mgr Fox a’ toirt iomradh buaidh mhòr air a chliù.
Tha Wes Streeting, Rùnaire Dùbhlanach na Slàinte air a thaic a fhoillseachadh airson uàrdan ospadal fa-leth do dh’euslaintich thar-ghnèitheach.
Thuirt Streeting ann an agallamh le Sky News Diluain gun robh seann Rùnaire na Slàinte, Steve Barclay, a’ dèanamh ceapan-coireachaidh de luchd thar-ghnèitheach nuair a thuirt e an-uiridh gun robh e airson tar-bhoireannaich a thoirmeasg bho uàrdan bhoireannach.
Thuirt Streeting san aon agallamh ge-tà gum faodadh uàrdan fa-leth a bhith ann do dh’euslaintich bhoireannach, fireannach agus tar-ghnèitheach.
Dealbh den charragh-chuimhne le @whitecube air Instragram.
Chaidh carragh-chuimhne fhoillseachadh aig Colaiste an Rìgh ann an Cambridge gus an neach-saidheans Alan Turing a chomharrachadh.
B’ e neach-matamataig agus “athair” coimpiutairean digiteach agus AI a bh’ ann an Turing.
Air feadh an Dàrna Cogadh bha e na chòd-cnacair aig Pàirc Bletchley ann an Sasainn agus bhrist e an Inneal Enigma aig na Gearmailtiche.
Ann an 1952 chaidh a dhìteadh airson a bhith ri feise le fear eile agus thug an riaghaltas roghainn dha eadar prìosan no spoth ceimigeach.
Thagh e spoth ceimigeach ach as dèidh dà bhliadhna a’ fuireach leis na buaidhean, thug Turing ùthachd dha fhèin, cha robh e ach 41 bliadhna a dh’aois.
Ann an 2009, thabhann Prìomh Mhinistear na Rìoghachd Aonaichte, Gordon Brown, a leisgeul air teaghlach Thuring airson a làimhseachadh.
Ann an 2013 thug Bànrigh Ealasaid II mathanas an dèidh bàis dha agus ann an 2017 thug lagh ris an canar “Lagh Thuring” mathanas dhan a h-uile fireannach a chaidh a dhìteadh gu h-eachdraidheil de cho-sheòrsachd.
Tha Stonewall ag iarraidh air a h-uile neach post-d a chur dhan BP aca air thoiseach air an dàrna leughadh de bhile a chuireadh casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh” Dihaoine 1d Am Màrt.
Faodaidh sibh a’ cheangal seo a chleachdadh gus post-d a chur dhan BhP agad.
Tha leas-stiùiriche-ghnìomha an FLHSMV (Florida Department of Highway Safety and Motor Vehicles) air meòmhrachan a sgaoileadh a tha a’ moladh nach eil luchd tar-ghnèitheach ceadaichte an gnè a nochdas air na ceadan-dràibhidh aca atharrachadh.
Tha Taigh Riochdairean Fhlorida a’ deasbad bile an-dràsta a dhèanadh e riatanach gnè bith-eòlasach neach nochdadh air a’ chead-dràibhidh aca, ach cha deach a stèidheachadh ann an lagh fhathast agus mar sin chan eil e soilleir ma tha am meòmhrachan seo laghail.
Ma tha, agus leis gu bheil e laghail do luchd tar-ghnèitheach ann am Florida an gnè a nochdas air an teisteanas-breith aca atharrachadh dhèanadh e suidheachadh neònach far am faodadh neach tar-ghnèitheach a bhith an dà chuid boireannach air an teisteanas-breith aca, agus fireannach air a’ chead-dràibhidh aca, no a chaochladh.
Tha an snàmhaiche, Lia Thomas, air World Aquatics a thoirt gu lagh a dh’ionnsaigh car a chur air a’ chasg a th’ air tar-bhoireannaich bho fharpaisean nam ban.
Thoirmeasg World Aquatics tar-bhoireannaich bho fharpaisean nam ban san Ògmhios 2022. Stèidhich iad roinn ùr a tha fosgailte do neach sam bith, ach cha do chlàraich neach sam bith air a shon rè Chupa na Cruinne 2023. Pròis Dhùn Dè 2024
Chaidh ainmeachadh gun tèid Pròis Dhùn Dè 2024 a chumail Disathairne 15mh An t-Ògmhios aig Gàrradh Slessor.
Cumaibh sùil air na meadhanan sòisealta aca air Instagram, Facebook, agus X airson barrachd fhiosrachaidh.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.