Cuairt-litir #49
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Seen & Heard Live
Cuiridh Highland Pride agus Cùirt an Easbaig fàilte air a’ pod-chraoladh Seen & Heard 9mh An Gearran aig 7f airson dà phannal beò mu dhaoine LGDTCEN+ ann an Spòrs.
‘S e tachartas an-asgaidh a th’ ann, ach bithear a’ cur fàilte air tabhartasan agus thèid an co-roinneadh eadar Highland Pride agus a’ charthannas spòrs LGDTCEN+, LEAP Sports Scotland.
Faodaidh sibh àite a ghlèidheadh airson an tachartas seo air EventBrite.
Pròis Mhoireibh
Chaidh ainmeachadh gun tèid Pròis Mhoireibh 2024 a chumail 7mh An t-Sultain aig Pàirc nan Granndach ann am Farrais.
Cumaibh sùil air na meadhanan sòisealta aca air Instagram, Facebook, agus X airson barrachd fhiosrachaidh.
Na Stàitean Aonaichte
Tha riaghaltas Joe Biden air tabhartas luach $700,000 ainmeachadh gus prògram slàinte fheiseil a stèidheachdadh do thar-bhalaich.
A-rèir an rannsachadh aca, chan eil tar-bhalaich cho dualtach ri casgan-gin a chleachdadh agus tha iad cho dualtach ri caileagan cios-ghnèitheach a bhith a’ fàs trom.
Bidh iad ag obair còmhla ri Girl2Girl, prògram slàinte fheiseil do chaileagan, gus am prògram aca a dhèanamh nas fhreagarraiche do thar-bhalaich.
Bidh iad cuideachd a’ stiùireadh buidhnean-fòcais gus barrachd fhiosrachaidh fhaighinn mu na feumalachdan aca.
Maryland
Chaidh binn phrìosain 48 bliadhna air fireannach, 29, airson tar-bhoireannach a mhurt ann an Maryland. Loisg DeAllen Price le gunna air Taya Ashton, 20, aig a dachaigh ann an Maryland anns an t-Iuchar 2021 an dèidh dha ionnsachadh gun robh Ashton tar-ghnèitheach.
Ohio
Thar-àithne Seanadh Ohio Diciadain am bhìoto a chur Seanadair Mike DeWine air HB 68.
Tha seo a’ fàgail gur e Ohio an 22na stàit gus casg a chur air cùram-slàinte daingneachadh gnè do mhion-aoisich agus an 24mh stàit gus tar-bhoireannaich a thoirmeasg bho fharpaisean nam ban.
Thèid am bile a stèidheachadh ann an lagh an ceann 90 latha.
Utah
Fo bhile a chaidh tro Taigh Riochdairean na Stàite Diluain, cha bhi inbhich tar-ghnèitheach ann an Utah ceadaichte taighean-beaga a tha a’ co-fhreagairt ris a’ ghnè aca a chleachdadh gus an tèid iad fo obair-lannsa daingneachadh gnè agus an teisteanas breith aca atharrachadh.
Tha am bile, HB 257, ag ràdh gum faodadh neach sam bith a chleachdas an taigh-beag ceàrr a bhith air an dìteadh de “chriminal trespassing and voyeurism” agus binn phrìosain 6 mìos is peanas-airgid $1,000 a dhol orra.
Feumaidh Seanadh na Stàite bhòtadh air a’ bhile fhathast mus tèid a stèidheachadh ann an lagh.