Cuairt-litir #40

Cuairt-litir #40

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Baile Àtha Cliath

Chruinnich na ceudan ann am Baile Àtha Cliath Disathairne gus fianais a thogail an-aghaidh tachartas an neach-iomairt an-aghaidh còraichean tar-ghnèitheach, Posie Parker.

Thuirt a’ bhuidheann Trans and Intersex Dublin, a chur an togail fianais air chois, gun robh iad airson seasamh an-aghaidh ideòlas TERF Pharker.

A’ Chuimrigh

Dh’ainmich Riaghaltas na Cuimrigh Diluain gun tog iad bacaidhean a chur casg air fireannaich a bhios ri feise le fireannaich bho bhith a’ toirt seachad maothran, cnàimh leigheis agus bun-cheallan.

Bristol

Tha na Poilis a’ rannsachadh ionnsaigh homafòbach ann am Bristol.

Thathar ag aithris gun do thachair an ionnsaigh mu 3:30f air Disathairne, 29mh den Iuchar aig Turtle Bay, ann an sgìre Montpelier.

Dh’fhulaing fireannach cainnt a bha ri oillt cho-sheòrsachd agus oillt thar-ghnèitheach mus deach a dhòrn mun aodann.

Tha na Poilis air dealbh CCTV a cho-roinneadh a’ sealltainn fireannaich a tha iad a’ sireadh ann an co-cheangal ris an ionnsaigh.

Thuirt iad gum bu chòir do neach sam bith aig a bheil fiosrachadh mun thachartas fios a chur gu 101 is an àireamh 5223182231 a thoirt seachad.

Na Stàitean Aonaichte

Tha còrr ’s 150 neach-iomraiteach air litir fosgailte a shoidhnigeadh gus cur an aghaidh casgan air leabhraichean LGDTC+ sna Stàitean Aonaichte.

Chaidh an iomairt a chur air dòigh le preasantair Reading Rainbows is rionnag Star Trek: TNG, LeVar Burton.

A-measg na rionnagan eile a shoidhnig an litir, tha Ariana Grande, Billy Porter, Emma Roberts, Mark Ruffalo, Ava Max, Guillermo del Toro agus Sarah Paulson.

California

Tha sgìre sgoile eile ann an California air poileasaidh a chur an gnìomh a dh’iarras air sgoiltean innse do phàrantan mu oileanaich a bhios airson eadar-ghluasad sòisealta a dhèanamh aig an sgoil

’S e Dry Creek a-nis an còigeamh sgìre-sgoile Chalifornia gus am poileasaidh a chur an gnìomh.

Nigeria

Tha 69 neach a chaidh a chur fo chasaid banais aon-sheòrsach a chur air dòigh ’s a fhrithealadh ann a Nigeria air a bhith gan leigeil mu sgaoil air urras.

Tha co-sheòrsachd is pòsadh aon-sheòrsach mì-laghail san dùthaich agus chaidh còrr ’s 200 neach a chur an grèim o thùs airson a’ bhanais a fhrithealadh san Lùnastal.

Riaghail àrd-chùirt ann an Warri, Dimàirt, gum faodadh iad a bhith air an leigeil mu sgaoil às dèidh dhaibh urras 500,000 naira (£520) a phàigheadh agus gum bi aca ri clàr a shoidhnigeadh gach mìos gus an nochd iad sa chùirt a-rithist.

Read more