Cuairt-litir #39

Cuairt-litir #39

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

“Teiripe” iompachaidh

Chruinnich luchd-fianais faisg air Taighean na Pàrlamaid Diardaoin gus iarraidh air Rishi Sunak a ghealltanas a chur casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe” iompachaidh a chumail.

‘S e a th’ ann an “teiripe” iompachaidh cleachdadh sam bith a dh’fheuchas ri taobhadh feise, no dearbh-aithne gnè, neach atharrachadh.

Tha còrr ‘s còig bliadhna agus ceathrar Prìomhairean air a bhith ann a-nis bho gheall na Tòraidhean an toiseach casg a chur air “teiripe” iompachaidh.

Gheall Sunak nuair a chaidh na Phrìomhaire gum biodh an casg deiseil a chur an gnìomh san t-Samhain, ach chan fhacas dreach bhile fhathast is am pàrlamaid ri bhriseadh an ath-sheachdain gu meadhan na Dàmhair.

Liz Truss

Thuirt Liz Truss ris The Times gum bu chòir dhan Phrìomhaire, Rishi Sunak, stiùireadh fhoillseachadh ag ràdh gum bu chòir do sgoiltean a bhith soilleir mu ghnè bith-eòlasach agus nach bu chòir dhaibh eadar-ghluasadan sòisealta a cheadachadh gu h-oifigeil.

Thuirt i leis nach e “gnìomh neodrach” a th’ ann “nach bu chòirear ceadachadh oifigeil a thoirt ris gus a tha inbheach òg làn comasach air co-dhùnadh a dhèanamh air na builean aig aois 18”.

Ian McKellen

Tha Sir Ian McKellen air ràdh gu bheil dragh air mu thilleadh Section 28, lagh a chur am Prìomhaire, Margaret Thatcher, an gnìomh is a thoirmisg sgoiltean is ùghdarrasan ionadail eile bho bhith “a’ brosnachadh” co-sheòrsachd do chloinne.

Chaidh an lagh a thilgeil a-mach ann an Alba ann an 2000 agus ann an Sasainn is sa Chuimrigh ann an 2003.

Tha McKellen draghail gum faodadh stiùireadh ùr a tha riaghaltas Rishi Sunak ag ullachadh do sgoiltean an-dràsta bacaidhean a chur air oileanaich tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh ann an dòigh coltach ri Section 28.

Just Like Us

Tha an carthannas òigridh Just Like Us air maoineachadh luach £435,250 a ghlacadh bhon Chrannchur Nàiseanta gus taic a chur ris na clubaichean sgoile LGDTC+ aca.

Bidh an carthannas a’ stiùireadh lìonra de chlubaichean sgoile aig àm-lòin is an dèidh na sgoile air feadh na Rìoghachd Aonaichte gus àiteachan sàbhailte a chruthachadh far an urrainn do dh’òigridh LGDTC+ is na càirdean aca a choinneachadh, ionnsachadh agus comhairle fhaighinn.

Kentucky

Tha diùraidh feadarail air $100,000 a thoirt do chàraid gèidh às dèidh do sheann chlàrc siorrachd diùltadh cead pòsaidh a thoirt dhaibh.

Thug David Ermold agus David Moore an clàrc, Kim Davis, gu cùirt as dèidh dhi diùltadh cead pòsaidh a thoirt dhaibh leis gu bheil i dhen bheachd nach fhaod ach boireannach is fireannach a phòsadh.

Chaidh Davis a chur an grèim ann an 2015 airson càraid gèidh eile a dhiùltadh, ach thug an luchd-obrach aice a-mach an cead pòsaidh as aonais a h-ainm agus chaidh a leigeil mu sgaoil as dèidh còig latha sa phrìosan.

Read more