Cuairt-litir #38

Cuairt-litir #38

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

A’ Ghàidhealtachd

Tha a’ charthannas, Inspiring Young Voices, air maoineachadh a ghlacadh gus dreuchd pàirt-ùine ùr a stèidheachadh do neach-obrach ion-ghabhaltais a dh’obraicheas còmhla ri òigridh fo 25 a tha a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd gus mothachadh a thogail do chùisean a bhios a’ toirt buaidh orra.

Lunnainn

Tha Poilis a’ Mhet air fireannach, 19, a chur an grèim ann an co-cheangal ri ionnsaigh homafòbach air dithis fhireannach taobh a-muigh taigh-seinnse ann an Clapham am mìos seo chaidh.

Bulgaria

Tha Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna air riaghladh ann am fàbhair càraid aon-sheòrsach a bha ag iarraidh air Riaghaltas Bhulgaria aithneachadh laghail a thoirt dhaibh.

Phòs Darina Koilova agus Lily Babulkova san Rìoghachd Aonaichte ann an 2016, ach dhiùlt Riaghaltas Bhulgaria am pòsadh aca aithneachadh ann an 2017 agus a-rithist ann an 2019.

Riaghal na seachdnar britheamhan gu h-aona-ghuthach gun deach còraichean a’ chàraid air prìobhaideachd agus beatha-teaghlaich fo artaigil 8 de Chùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna a bhriseadh.

Chan eil an co-dhùnadh a’ dèanamh pòsaidh cho-sheòrsaich laghail san dùthaich ge-tà ach e ag iarraidh air an Riaghaltas siostam air choireigin a chur an-gnìomh gus aithneachadh laghail a thoirt do chàraidean co-sheòrsach san dùthaich.

Hong Kong

Riaghal Cùirt Dheireannach nan Ath-thagraidhean an seachdain seo chaidh gu bheil Riaghaltas Hong Kong a’ briseadh Bile Chòraichean na sgìre leis nach eil iad ag aithneachadh càirdeasan co-sheòrsach.

Ged nach do riaghail na britheamhan ann am fàbhar pòsadh co-sheòrsach a dhèanamh laghail, thug iad dà bhliadhna don Riaghaltas siostam eile a chur an-gnìomh gus aithneachadh laghail a thoirt do chàirdeasan co-sheòrsach.

Boston

Tha Oifis Mhèar Bhoston air an riatanas a bh’ aig daoine air an gnè aca a chlàradh air teisteanasan-pòsaidh a thoirt air falbh agus iad cuideachd air ainmeachadh gum faodar teisteanasan làithreach a bhith air an ùrachadh gus fiosrachadh mu ghnè a chur às.

California

Tha Seanadh Chalifornia air ainmeachadh gun tèid Mìos na Eachdraidh Tar-ghnèithich a chomharrachadh san stàit gach bliadhna bhon Lùnastal 2024.

Thuirt Cathraiche a’ Phàrtaidh Dheamocratach, Honey Mahogany, aig coinneamh naidheachd gu bheil e “air leth cudromach gun cuir sinn stad air a’ mhì-fhiosrachadh a thathar ga sgaoileadh mun choimhearsnachd tar-ghnèitheach, gun gabh sinn an cothrom seo air an fhirinn innse agus daoine oideachadh mu ar deidhinn agus na feumalachdan againn”.

Florida

Tha bòrd-sgoile ann an sgìre Miami-Dade, Florida air bhòtadh 5-3 gun a bhith a’ comharrachadh Mìos na Eachdraidh LGDTC+ san Dàmhair.

Bha còrr ’s 100 neach an làthair aig an deasbad a mhair 12 uair a thìde.

Cho-dhùin am bòrd gun briseadh an tachartas am bile ris an canar “Don’t Say Gay” a chaidh a shoidhnigeadh ’na lagh le Riaghladair Ron DeSantis sa Chèitean 2022 agus a tha a’ toirmeasg sgoiltean poblach san stàit bho chloinne oideachadh mu thaobhadh-feise no dearbh-aithne gnè.

Georgia

Tha britheamh air riaghladh gum faod stàit Gheorgia bacadh a chur air cùram-slàinte daingneachadh gnè do mhion-aoisich tar-ghnèitheach dà sheachdain an dèidh dhi stad a chur air.

Bha am britheamh Sarah Geraghty air bacadh sealach a chur air an reachdas gus an cluinneadh a’ chùirt tagradh na aghaidh.

Tha i air co-dhùnadh a-nis ge-tà gum faodar am bacadh a chur an-gnìomh an dèidh do Chùirt Fheadarail nan Ath-thagraidhean riaghladh gum faodadh stàit Alabama lagh coimeasail a chur an-gnìomh.

Read more