Cuairt-litir #28

Cuairt-litir #28

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Dublin Lesbian Line

Tha Dublin Lesbian Line (DLL) air ainmeachadh gum bi iad ag ath-fhosgladh an loidhne-chuideachaidh aca.

Chaidh DLL a stèidheachadh bho thùs ann an 1979, ach bha aca ri dùnadh sìos ri linn COVID-19.

Dh’ainmich iad Dimàirt ge-tà gum bi iad a’ ruith loidhne-chuideachaidh ùr ann an com-pàirteachas leis The Switchboard gus seirbheis shònraichte a thoirt do leasbaich, luchd neo-bhìnearaidh agus tar-bhoireannaich.

Bidh an loidhne-chuideachaidh ùr fosgailte gach oidhche Mhàirt eadar 6:30f agus 9f.

Dòmhnall Trump

Tha Dòmhnall Trump air ràdh gun cuireadh e casg air luchd tar-ghnèitheach san airm a-rithist nan tilleadh e dhan White House ann an 2024.

Florida

Tha an t-ùghdarras foghlaim ann an Siorrachd Orange, Florida, air stiùireadh ùr fhoillseachadh Diluain a dh’iarras air luchd-teagaisg riochdairean agus tiotalan a chleachdadh a co-fhreagaireas ris an gnè bith-eòlasach a chaidh a bhuileachadh orra nuair a rugadh iad.

Tha an stiùireadh cuideachd ag ràdh nach fhaod luchd-teagaisg iomradh a thoirt air oileanach ach leis an ainm laghail aca agus gum bi feum aca air cead sgrìobhte fhaighinn bho phàrantan an oileanaich ma bhios iad airson ainm eile, fiù ‘s far-ainm, a chleachdadh.

A bharrachd air sin, tha an stiùireadh ag ràdh gum feum oileanaich tar-ghnèitheach taighean-beaga agus seòmraichean-locair aon-neach a chleachdadh agus gum tèid am peanasachadh ma chleachdas iad taigh-beag no seòmar-locair eile.

Ohio

Tha britheamh feadarail air riaghladh nach eil còir aig pàrantan ann an Ohio dùbhlan a dhèanamh an-aghaidh poileasaidh sgoile a cheadaicheas oileanaich tar-ghnèitheach taigh-beag a co-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca a chleachdadh.

Rinn phàrantan argamaid leis nach deach coinneamh phoblach a chumail air a’ chùis mus deach am poileasaidh a chur an gnìomh gun deach na còraichean aca mar phàrantan a briseadh.

Riaghal am Britheamh Michael Newman ge-tà nach robh cùis dhligheach aca agus thuirt e nach eil a h-uile cuspair connspaideach feumach air cùis-lagha feadarail.

Uganda

Tha Banca an t-Saoghail air ainmeachadh gun sguir iad maoineachadh a thoirt gu Uganda mar thoradh air laghan a tha an dùthaich air a chur an-gnìomh an-aghaidh na coimhearsnachd LGDTC+ bho chionn ghoirid.

Ioràc

Tha riaghladair meadhanan Ioràic air am facal “co-sheòrsachd” a thoirmeasg ‘s iad air na meadhanan òrdachadh “claonadh feiseil” no sexual deviance a chleachdadh na àite.

Tha am facal “gnè” cuideachd toirmisgte fon stiùireadh ùr aca.

Read more