Cuairt-litir #21

Cuairt-litir #21

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

A’ Bheilg

Bhòt Pàrlamaid na Beilge Diardaoin gus casg a chur air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”.

‘S e seo cleachdadh sam bith a dh’fheuchas taobhadh feise no dearbh aithne gnè neach atharrachadh.

Thèid binn-phriosain suas ri 2 bhliadhna agus/no peanas-airgid suas ri luach €2,400 a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh fon lagh ùr.

Ohio

Tha Seanadair JD Vance air bile a mholadh a dhèanadh e mì-laghail obair-lannsa daingneachadh gnè agus cùram-slàinte daingneachadh gnè a leithid blocaichean-inbhidheachd, a thabhann do dh’òigridh ann an Ohio.

Tha am bile a’ moladh peanais-airgid luach $250,000 air neach sam bith a bhriseas e.

Thuirt Vance nuair a dh’ainmich e am bile Dimàirt nach bu chòir do dhoctairean bhith comasach air obair-lannsa daingneachadh gnè a dhèanamh air mion-aoisich, ach tha seo mì-laghail anns na Stàitean Aonaichte, an Rìoghachd Aonaichte agus sa’ mhòr-chuid de dhùthchannan eile air feadh an t-saoghail mar-thà.

Arizona

Tha britheamh feadarail ann an Arizona air casg sealach a chur air lagh a chuireadh casg air boireannaich agus nigheanan tar-ghnèitheach bho sgiobaidhean spòrs boireannach.

Cha tèid an lagh a chur an gnìomh a-nis gus an riaghal a’ chùirt air cùis-lagha a tha pàrantan dithis nighean tar-ghnèitheach air toirt an-aghaidh na stàite.

Tha iad ag ràdh gu bheil an lagh a’ briseadh Title IX - lagh feadarail a chuireas casg air sgoiltean agus prògraman foghlaim eile a fhuaireas maoineachadh poblach bho bhith a’ dèanamh leth-bhreith a thaobh gnè - agus clàs bun-reachd nan Stàitean Aonaichte air dìonan co-ionnannachd.

Thuirt am britheamh, Jennifer G. Zipps, nuair a dheònaich i an casg sealach nach eil fianais sam bith ann gu bheil buannachd a bharrachd aig nigheanan tar-ghnèitheach a bhios a’ gabhail bacaidhean inbhidheachd fo òrdugh-cungaidh thairis air nigheanan eile agus gu bheil slàinte-inntinn nan nigheannan an urra ris an comas aca a bhith beò mar nigheanan anns a h-uile suidheachadh nam beathannan.

Peru

Tha àrd chùirt ann am Peru air riaghladh gu bheil còir aig càraidean aon-sheòrsach air am pòsaidhean a chlàradh gu laghail.

Bha a’ chùirt a’ riaghladh air cùis-lagha a thog saoranach leasbach an-aghaidh RENIEC, oifis-chlàraidh na dùthcha, as dèidh dhaibh diùltadh am pòsadh aice a chlàradh.

Phòs i fhad ‘s a bha i thall-thairis ann an 2019, agus ged a tha co-sheòrsachd laghail san dùthaich, dhiùlt RENIEC am pòsadh a chlàradh leis gu bheil còd catharra na dùthcha ag ràdh gur e aonadh eadar fear agus bean a th’ ann am pòsadh.

Riaghail a’ chùirt ge-tà gun do bhris RENIEC a’ chòir bhun-reachdail a th’ aig an saoranach air teaghlach agus mar sin gum feum iad am pòsadh aice a chlàradh.

Justin Fashanu

Chaidh dealbh-balla a nochdadh ann an Norwich a’ comharrachadh beatha Justin Fashanu.

Chluich Fashanu airson Norwich City eadar 1978 agus 1981 agus chaidh e na chiad chluicheadair dubh gus cìs luach £1m fhaighinn nuair a thar-aisig e gu Nottingham Forrest.

Chaidh e cuideachd na chiad chluicheadair ball-coise proifeasanta gèidh nuair a thàinig e a-mach ann ann agallamh leis an Sun ann an 1990.

Ged a dh’fhulaing e gràin-chinnidh agus gràin cho-sheòrsachd rè na 90’an, ach lean e air cluiche gu proifeasanta mus chaidh e na còidse anns na Stàitean Aonaichte.

Ann an 1998 rinn balach 17 bliadhna a dh’aois ann am Maryland casaid air Fashanu gun d’tug e ionnsaigh dhrabasta air.

Rinn e àiceadh gun d’thug e ionnsaigh dhrabasta air a’ bhalach, agus thuirt e gun robh am feise co-aontachail.

Bha feise co-sheòrsach mì-laghail ann am Maryland ag an àm ge-tà agus bha eagal air nach faigheadh e triail chomthromach is mar sin theich e air ais a Shasainn far an do chur e làmh na bheatha fhèin.

B’ e 2022 mus tàinig cluicheadair ball-coise proifeasanta gèidh eile a-mach.

Read more