Cuairt-litir #20
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Seann-ghaisgich LGDTC+
Tha am Prìomhaire, Rishi Sunak, air leisgeul oifigeil a dhèanamh do sheann-ghaisgich LGDTC+ airson a’ chron a chaidh a dhèanamh orra mar thoradh air a’ chasg a bh’ air luchd-obrach LGDTC+ sna feachdan armaichte ro 2000.
Thàinig leisgeul an Riaghaltais as dèidh gun deach tòraidhean ath-sgrùdadh neo-eisimeileach mu eòlasan sheann-ghaisgich LGDTC+ fhoillseachadh.
Fon seann lagh, bhiodh pearsachan LGDTC+ air an leigeil mu sgaoil gun urram is gun pheinnsean. Chaidh ionnsaighean agus ionnsaighean drabasta a thoirt air cuid agus chaidh dubh-mhàl a dhèanamh air cuid eile.
Thathar a’ creidsinn gun tug an casg buaidh air mu 5,000 neach.
Chaidh an casg a thilgeil a-mach ann an 2000 as dèidh gun d’thug seann-ghaisgich LGDTC+ Riaghaltas an RA gu Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna agus gun do riaghail a’ chùirt gun robh an casg na bhriseadh den chòir aca air prìobhaideachd.
King Lawal
Chaidh Comhairliche Tòraidheach ann an Siorrachd Northampton a chur às a dhreuchd rè ùine as dèidh dha tuèiteadh gur e peacadh a th’ ann am Pròis.
Bha King Lawal a’ toirt iomradh air dealbh de chaismeachd pròise nuair a sgrìobh e:
“When did Pride become a thing to celebrate.”
“Because of Pride Satan fell as an arch Angel. Pride is not a virtue but a Sin.”
“Those who have Pride should Repent of their sins and return to Jesus Christ. He can save you. #PrideMonth #Pride23 #PrideParade.”
Chaidh Lawal a chasg bho na Tòraidhean fhad ’s a tha Prìomh-oifis Iomairt nan Tòraidhean (CCHQ) a’ dèanamh rannsachaidh.
Rothaireachd
Tha buidheann-riaghlaidh rothaireachd na cruinne, Union Cycliste Internationale, air tar-bhoireannaich a thoirmeasg bho fharpaisean nam ban.
Fon riaghailt ùr, chan fhaod lùth-chleasaichean a chaidh tro inbhidheachd mar fhireannach pàirt a ghabhail ann am farpaisean nam ban agus bi aca ri farpais ann an roinn mheasgaichte an-aghaidh nam fireannach.
Bha buidheann-riaghlaidh rothaireachd Bhreatainn air tar-bhoireannach a thoirmeasg bho fharpaisean nam ban mar-thà sa’ Chèitean.