Cuairt-litir #19
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Carthannasan air gealltainn taic a thoirt do luchd tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh
Tha còrr is 100 carthannas air gealltanas a shoidhnigeadh gun bheir iad taic do luchd tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh agus gun dèan iad cinnteach gu bheil an roinn carthannais na àite sàbhailte dhaibh.
Nam measg, tha Oxfam, Samaritans, Mermaids agus an LGBT Foundation uile air gabhail ris an iomairt Stand With Trans a chaidh a chruthachadh leis a’ bhuidheann Charity So Straight gus carthannasan a dhèanamh nas càirdeile agus nas in-ghabhalaiche do luchd LGDTC+.
Na Tìrean Ìsle
Dh’ainmich an Comann Ball-coise Duitseach Rìoghail Diluain gun tèid stad a chur air geamaichean an ath-sheusan ma sheinneas luchd-taic òrain homafòbach.
A bharrachd air sin bidh luchd-taic air an toirmeasg bhon stèideam fad 18 mìos ma tha iad air am faighinn ciontach de ghiùlain oilbheumach.
An Ruis
Fhuair bile a chuireadh bacadh air obair-lannsa daingneachadh gnè seachad air an dàrna leughadh aice ann am Pàrlamaid na Ruise Diardaoin.
Tillidh i dhan phàrlamaid Dihaoine airson an leughadh mu dheireadh mus tèid i air adhart gu bhòt san t-seòmar uachdarach agus ma shoirbheachais i an sin thèid i air adhart gu Ceann-suidhe Putin airson a shoidhnigeadh ‘na lagh.
Tar-fhireannach fo amharas brathaidh san Ruis
Tha Seirbheis Fheadarail na Sàbhailteachd (FSB) air tar-fhireannach a chur an grèim san Rùis fo amharas brathaidh.
Cha deach an neach ainmeachadh fhathast, ach thuirt am FSB gu bheil iad air gnìomhaiche den ghluasad LGDT a bha air an gnè atharrachadh roimhe bho bhoireann gu fireann a chur an grèim fo amharas brathaidh airson taic-airgead a thoirt seachad do dh’Arm na h-Ucràin.
Chaidh a’ bhinn as àirde airson brathadh san Ruis àrdachadh bho 20 bliadhna gu binn-bheatha sa Ghiblean.
Eaglais Meathodach nan Stàitean Aonaichte
Tha Pink News ag aithris gu bheil còrr is 6,000 co-thional air briseadh air falbh bho Eaglais nam Meathodach anns na Stàitean Aonaichte mar thoradh air sgaradh nam measg mu chlèirich gu fosgailte gèidh agus ministearan a’ beannachadh pòsaidhean aon-sheòrsach.
Bhòt ceannardan na h-eaglaise ann an 2019, 438-384 gus bacadh a chumail air ministearan gèidh agus pòsadh aon-sheòrsach ach bha cuid air a’ chasg a chur gu taobh bhon uair sin.
Thathar ag aithris gun do dh’fhàg 4,172 dhiubh an eaglais nàiseanta san Ògmhios agus gu bheil a’ mhòr-chuid dhiubh mu dheas agus gu iar-mheadhannach.
Kansas
Dh’òrdaich britheamh aig cùirt-shiorrachd ann an Shawnee, Kansas Diluain stad a chur air leigeil le luchd-ghnèitheach an gnè a nochdas air na ceadan-dràibhidh aca atharrachadh.
Tennessee
Tha Cùirt-tagraidh anns na Stàitean Aonaichte air lagh a thoirmisgeas doctairean ann an Tennessee bho bhith a’ toirt cùram slàinte daingneachadh gnè do dh’òigridh tar-ghnèitheach ath-shuidheachadh.