Cuairt-litir #11
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Teiripe iompachaidh
Thathar ag aithris gu bheil dreachd reachdais a chuireas casg air teiripe iompachaidh deiseil ’s e a’ feitheamh ri aonta Rishi Sunak.
Thathar a’ tuigsinn ge-tà gu bheil beàrn laghail ann a cheadachas teiripe iompachaidh a dhèanamh air inbhich a tha air aontachadh ris.
Chaidh an casg ainmeachadh o thùs ann an 2018 le Theresa May, ach chaidh a thilgeil a-mach le Boris Johnson anns a’ Mhàrt 2022.
Rinn Johnson car iomlan ann an nas lugha na aon latha ach thuirt e nach toireadh an reachdas dìon do luchd thar-ghnèitheach.
Chaidh ainmeachadh le Rùnaire a’ Chultair, Michelle Donelan, san Fhaoilleach 2023 ge-tà gun toireadh an reachdas dìon do luchd tar-ghnèitheach cuideachd.
Dh’ainmich Elon Musk Diciadain gur e faclan tàireil an th’ ann an “cis” agus “cisgender” agus gum biodh buaidh air cleachdaichean a bhios a’ cuimseachadh air cunntasan eile leis na faclan seo.
Thathar a’ cleachdadh am facal “cisgender”, no cios-ghnèitheach anns a’ Ghàidhlig, gus iomradh a thoirt air neach aig a bheil gnè a tha a’ freagairt air a’ ghnè bhith-eòlasach aca.
Bha Musk a’ freagairt tuèit bhon chleachdaiche James Esses, a thuirt gun robh e air a chuimseachadh as dèidh dha ràdh gu bheil am facal “cis” ga fhàgail a’ faireachdainn “neo-shàbhailte” agus gur e dalm-bheachdaiche a th’ ann an neach sam bith a chleachdas e gus iomradh a thoirt air-san.
An Eadailt
Dh’fhaodadh gun tèid ainmean iomadh màthair leasbach san Eadailt an cur à teisteanasan-breithe a’ chuid chloinne as dèidh do bhàillidh ann an ceann tuath na dùthaich iarraidh air britheamhan ainmean mhàthraichean nach do rugadh an cuid cloinne a chur às.
Tha dùil gun riaghail cùirt air a’ chùis nas fhaide air adhart dhan bhliadhna.
Florida
Riaghail am Britheamh Robert Hinkle Diciadain gun robh reachdas a chuireadh casg air àrachas-slàinte do luchd tar-ghnèitheach ann am Florida neo-bhun-reachdail.
Arkansas
Riaghail am Britheamh Jay Moody Dimàirt gun robh reachdas a chuireadh casg air cùram-slàinte daingneachadh gnè do luchd thar-ghnèitheach fo 18 bliadhna a dh’aois neo-bhun-reachdail.