Cuairt-litir #10
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Laurence Fox
Sgaoil Laurence Fox, Ceannard a’ Phàrtaidh Reclaim agus neach-taisbeanaidh GB News, bhideo air Twitter Didòmhnaich anns an do chur e bratach na pròise ‘na theine fhad ’s a thuirt e “This is what I think of your vile, disgusting, child sacrificial flag”.
Cuideachd bha na faclan “Pride comes before a fall” sgrìobhte thairis air an lèine-t a bha air.
Thuirt na Poilis Metropolitan gu bheil iad a’ dèanamh measaidh air a’ bhideo.
Faodar am bhideo fhaicinn an-seo air YouTube.
Clann tar-ghnèitheach
A-rèir poileasaidh riaghaltais a chaidh a leigeil air èalaidh dha The Sun, dh’fhaodadh clann tar-ghnèitheach a bhith air am toirmeasg bho bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs aig an sgoil agus cha bhi iad comasach air na h-ainmean no na riochdairean a th’ orra atharrachadh aig an sgoil gun chead bho na pàrantan aca.
Thathar an dùil gun tèid am poileasaidh fhoillseachadh gu h-oifigeil an t-seachdain-sa.
Tha buidhnean-iomairt, gnìomhaichean LGDTC+ agus luchd-poileataigs air ìmpidh a chur air Rishi Sunak am poileasaidh a thilgeil a-mach ’s iad ag ràdh gu bheil e gu math coltach ris an reachdas Earrann 28, a chur Margaret Thatcher an gnìomh, a thoirmisg ùghdarrasan ionadail (a’ tort a-steach sgoiltean) bho bhith “a’ brosnachadh” co-sheòrsachd eadar 1988 agus 2003 (2000 ann an Alba).
Pròis Bhristol
Chaidh innse dha na Poilis gun deach bòrd-sanasachd Pròis Bhristol a chur ‘na theine ann an nas lugha na aon là bho chaidh a chur an àirde.
Estòinia
Bhòt Pàrlamaid na h-Eastoine Dimàirt gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail san dùthaich.
Bhòt buill-phàrlamaid 55-34 airson a’ bhile, a thèid a chur an gnìomh an ath-bhliadhna.
Texas
Shoidhnig Riaghladair Texas, Greg Abbott, bile ‘na lagh a chuireas casg air boireannaich tar-ghnèitheach bho bhith a’ gabhail pàirt ann am farpaisean spòrs aig ìre colaiste.
Carragh-chuimhne Stonewall
Tha na Poilis ann an Eabhraig Nuadh a’ sireadh fiosrachaidh mu trì tachartasan anns an deach Carragh-chuimhne Stonewall a mhilleadh bho thoiseach Mìos na Pròise.
Wickes
Bha an taga-hais #BoycottWickes a’ treandadh air Twitter thairis air an deireadh sheachdain as dèidh gun do thuirt Fraser Longden, àrd-oifigear a’ chompanaidh, nach biodh fàilte air luchd-ceannach aig a bheil beachdan an-aghaidh daoine tar-ghnèitheach anns na bùithean aca.
Howard Donald
Cha bhi Howard Donald, seinneadair sa chòmhlan-ciùil Take That, a’ nochdadh air an àrd-ùrlar aig an fhèis-pròise Groovebox ann an Nottingham an ath-mhìos as dèidh gun tàinig e am follais gu bheil e air a thaic a chur ri iomadh post Twitter an-aghaidh daoine tar-ghnèitheach.