Casg air lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach

Tha Word Athletics, buidheann riaghlaidh lùth‑chleasachd na cruinne, air ainmeachadh nach fhaod tar‑bhoireannaich a chaidh tro inbhidheachd mar fhear faspais ann am farpaisean nam ban.

Cuideachd dh’ainmich iad riaghailt ùr ag iarraidh air lùth‑chleasaichean eadar‑sheòrsach an ìre theisteostaron aca ìsleachadh gu 2.5 nanomoles sa liotair.

Thèid na riaghailtean ùra a chur an gnìomh 31 Am Màrt ‑ Là Eadar‑nàiseanta Faicsinneachd nam Pearsa Tar‑ghnèitheach.

A‑rèir nan riaghailtean làithreach faodaidh lùth‑cleasaichean tar‑ghnèitheach is eadar‑sheòrsach farpais ann am farpaisean nam ban cho fhad ’s a chleachdas iad cungaidhean airson an ìre theisteostaron aca ìsleachadh gu 5 nanomoles sa liotair.

Tha an co‑dhùnadh a’ tighinn as dèidh co‑chomhairleachadh eadar 40 caidreachas lùth‑chleasachd, lùth‑chleasaichean agus buidhnean tar‑ghnèitheach.

Thuirt Ceann‑suidhe World Athletics, Sebastian Coe, Diardaoin, gun tuirt a’ mhòr‑chuid a dh’fhreagair an co‑chomhairleachadh nach bu chòir do thar‑bhoireannaich a bhith a’ farpais ann am farpaisean nam ban o chionn ’s nach eil fianais gu leòr ann nach eil buannachd a bharrachd aig tar‑bhoireannaich air boireannaich bith‑eòlach.

Thuirt e gun stèidhich World Athletics buidheann‑obrach gus barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a’ chùis.

Read more