Riaghaltas Uganda air gabhail ri bile a dhèanas dearbh-aithnean LGDT+ mì-laghail

Tha Pàrlamaid Uganda air gabhail ri bile a dhèanas dearbh-aithnean LGDT+ mì-laghail.

Cha do bhòt ach dithis bhall-phàrlamaid na h-aghaidh.

Fon lagh ùr bidh e mì-laghail co-sheòrsachd a bhrosnachadh agus dh’fhaodadh do dhaoine dol gu prìosan fad 5 bliadhna ma thèid an dìteadh fodha.

Cuideachd thèid binn prìosan fad bheatha a chur air duine sam bith a thèid a dhìteadh airson a bhith ri feis cho-sheòrsach agus peanas-bàis air duine sam bith a thèid a dhìteadh airson “aggravated homosexuality”.

A-rèir an lagh, tha “aggravated homosexuality” a’ toirt a-steach rudan a-leithid ionnsaighean dhrabasta air daoine nas òige na 18, no cùisean far a bheil HIV air an neach a tha fo chasaid.

Thèid am bile a-nis gu Ceann-suidhe Yoweri Museveni airson aonta.

Read more