Joe Biden air reachdas a shoidhnigeadh a ghlèidheas pòsaidhean aon-sheòrsach ann an lagh feadarail
Tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Joe Biden, air reachdas a shoidhnigeadh a ghlèidheas pòsaidhean aon-sheòrsach ann an lagh feadarail.
Glèidhidh an reachdas, air a bheil an t-ainm Respect for Marriage Act, pòsaidhean ioma-chinnidheach cuideachd.
Tha dragh air a bhith a’ fàs anns na Stàitean Aonaichte gun cur a’ Phrìomh‑chùirt car dhen a’ cho-dhùnadh 2015 aca a rinn pòsadh aon-sheòrsach laghail.
Ma thachras sin, bidh gach stàit fa leth comasach air reachdas pòsaidh a chur an gnìomh agus dh’fhaodadh iad cead pòsaidh a dhiùltadh do chàraidean aon-sheòrsach taobh a-staigh an stàit aca fhèin.
Fon reachdas seo ge-tà, feumaidh an Riaghaltas Feadaraileach, a h-uile stàit agus ranntairean a tha nam phàirt de na Stàitean Aonaichte pòsaidhean aon-sheòrsach agus ioma-chinnidheach aithneachadh ma tha iad dligheach ann am pàirt eile de na Stàitean.