A' toirt thugaibh an naidheachdan LGBTQIA+ as ùire

Peter Tatchell ga chur an grèim

Crìstean MacMhìcheil Peter Tatchell ga chur an grèim

Breatainn, Eadar-nàiseanta, Lagh, Spòrs

Chaidh an neach‑iomairt LGDTC+ Peter Tatchell a chur an grèim an‑diugh ann an Doha, Qatar.

Bha Tatchell, 70, ag iomairt airson còraichean LGDTC+ air thoiseach air Cupa na Cruinne a thèid a chumail san dùthaich eadar 20mh An t‑Samhain agus 18mh An Dùbhlachd.

Tha co‑sheòrsachd mì‑laghail san dùthaich agus faodar a pheanasachadh le binn phrìosain 3 bliadhna no binn‑bhàis fo laghan Sharia.

Thuirt Am Fonndas Peter Tatchell nach eil fios aca an‑dràsta far a bheil Mgr Tatchell, agus gu bheil iad ag obair gus a shaoradh.