Liz Truss a' lorg dòigh gus 'stad no casg' a chur air planaichean Riaghaltas na h-Alba Achd Aithneachadh Gnè ath-leasachadh

Thathar ag aithris gu bheil Am Prìomhaire, Liz Truss, a’ lorg dòigh stad a chur air planaichean Riaghaltas na h‑Alba Achd Aithneachadh Gnè ath‑leasachadh.

A‑rèir dithis neach‑fiosrachaidh neo‑ainmichte anns an riaghaltas a bhruidhinn ri Vice News, dh’iarr Truss air luchd‑lagha a cuideachadh gus “stad no casg” a chur air na h‑ath‑leasachaidhean.

A‑measg nan ath‑leasachaidhean, tha Riaghaltas na h‑Alba airson a dhèanamh nas fhasa do phearsachan thar‑ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh le bhith a’ ceadachadh fèin‑aidmheil.

Thathar ag aithris gu bheil dragh air Truss nan tèid na h‑ath‑leasachaidhean air adhart gun siubhail pearsachan tar‑ghnèitheach ann am pàirtean eile den RA a dh’Alba gus teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

Faodar barrachd leughadh mun sgeulachd seo air làrach‑lìn Vice: Liz Truss Is Trying to Block Scotland’s Trans Reforms

Read more