Buidheann feimineach Earra-Ghàidheal a' càineadh tachartas draga Pròis Òbain
Tha buidheann feimineach ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd a’ càineadh a’ cho-dhùnaidh gus tachartas “Drag Queen Story Hour” a chumail mar phàirt Pròis Òbain na bliadhna seo.
Tha a’ bhuidheann “Argyll and Bute Scottish Feminists” ag ràdh gu bheil an tachartas, anns a bhios bànrighrean draga a’ leughadh sgeulachdan do chlann, mì-iomchaidh do chlann.
Thuirt iad gu bheil tachartasan draga gu tric feiseil, claon-bhreitheach an-aghaidh boireannaich agus oilbheumach ri mòran agus dh’iarr iad air a’ chomhairle an co-dhùnadh atharrachadh.
Thurt Neach-labhairt a’ Chomhairle nach e iadsan a bhios a’ cur Pròis Òbain air dòigh agus gu bheil a’ Chomhairle “a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh co-ionannachd, iomadachd agus ion-ghabhalachd ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd agus mar sin a’ cur taic ri amasan Pròis Òbain”.