A' toirt thugaibh an naidheachdan LGBTQIA+ as ùire

Pòsadh aon-sheòrsach an Eaglais na h-Alba

Crìstean MacMhìcheil Pòsadh aon-sheòrsach an Eaglais na h-Alba

Alba, Breatainn, Creideamh

Bhòt Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann an-diugh airson pòsaidhean aon-sheòrsach a cheadachadh.

Bhòt buill an Àrd-sheanaidh 274:136 airson lagh na h-eaglaise atharrachadh gus am bi ministearan comasach air cupail aon-sheòrsach a phòsadh ann an eaglaisean ach chaidh a dhèanamh soilleir ge-tà nach tèid toirt air ministear sam bith a dhèanamh.