Co-chomhairleachadh air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba)
Tha Comataidh Co-ionannachd, Chòirichean Daonna agus Ceartais Chatharra (EHRCJ) airson do chuid bheachdan air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) a chluinntinn.
Atharraichidh Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) Achd Aithneachadh Gnè 2004 a th’ ann an-dràsta gus slatan-tomhais ùra a thoirt a-steach airson daoine a tha ag iarraidh Teisteanas Aithneachadh Gnè.
Nuair a gheibh neach tar-ghnèitheach Teisteanas, tha e a’ ciallachadh gu bheilear gan aithneachadh gu laghail sa ghnè a ghabh iad agus gum faod iad teisteanas-breithe ùr fhaighinn leis a’ ghnè sin air.
Tha e fa-near dhan Bhile:
- An riatanas mu fhianais-leigheis a thoirt air falbh
- Am Pannal Aithneachaidh Gnè a thoirt air falbh bhon phròiseas. Thèid iarrtasan a cur na àite gu Àrd-neach-clàraidh na h-Alba.
- An ùine a dh’fheumas tagraichean mairsinn sa ghnè a ghabh iad bho dhà bhliadhna gu 3 mìosan
- Ùine-chnuasachaidh riatanach de 3 mìosan a thoirt a-steach
- An aois as lugha do thagraichean a lùghdachadh bho 18 gu 16
- Uallach ùr a chur air an Àrd-neach-chlàraidh aithisg a thoirt gach bliadhna mu àireamh nan tagraichean airson nan Teisteanasan agus an àireamh a bhuilichear.
Nam bu toigh leat pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh, thèid iarraidh ort, an dara cuid:
Suirbhidh ghoirid mu phrionnsapalan coitcheann a’ Bhile a lìonadh a-steach
Do bheachdan mionaideach air ullachaidhean sònraichte a’ Bhile a nochdadh;
ach cha leig thu leas freagairt a thoirt air gach pàirt den cho-chomhairleachadh, no na ceistean air fad.
Bidh an co-chomhairleachadh a’ dol eadar 21 Am Màrt agus 13 An Cèitean agus tha barrachd fhiosrachaidh ri fhaighinn anns a’ Ghàidhlig no a’ Bheurla an-seo.