Gràin co-sheòrsachd a' fàs nas cumanta an Alba
Tha figearan oifigeil bho Oifis a’ Chrùin a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’eucoirean gràin air an adhbharachadh le gràin co-sheòrsachd ann an Alba aig an ìre as àirde a-riamh.
A-rèir nan figearan bha àrdachadh de 24% bho 1194 casaidean ann an 2018-19 gu 1486 casaidean ann an 2019-20.
Bha an suidheachadh nas mìosa ann an Obar Dheathain le àrdachadh de 68% agus ann an Dùn Dè le àrdachadh de 41% an taca ri àireamhan an-uiridh.
Bha àrdachadh beag sa Ghàidhealtachd cuideachd le 12 casaidean ann an Inbhir Nis, 8 ann an Steòrnabhagh agus eadar 1-5 ann an Port Rìgh (chaidh an àireamh ceart a chumail dìomhar airson adhbharan prìobhaideachd). Bha cuideachd 7 casaidean anns an Gearasdan agus 10 san Òban.
Tha na figearan cuideachd a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’eucoirean gràin an-aghaidh daoine co-sheòrsach air a bhith a’ fàs a h-uile bliadhna, seach ann an 2014 nuair a thuit e beagan.
Tha an àireamh de dh’eucoirean gràin air an adhbharachadh le gràin tar-ghnèitheachd cha mhòr ach co-ionann le 41 casaidean ann an 2019-20 an taca ri 40 casaidean ann an 2018-19.
Chaidh reachdas eucoirean gràin a thoirt a-steach ann an 2010 agus tha na figearan as ùire seo a’ sealltainn àrdachadh mòr bhon uair sin nuair a bha 452 eucoirean gràin air an adhbharachadh le gràin co-sheòrsachd agus 14 air an adhbharachadh le gràin tar-ghnèitheachd.